Luchd-smàlaidh air làrach an teine mhòir sa Mhonadh Ruadh fhàgail

Bha luchd-smàlaidh an sàs san iomairt smachd fhaighinn air an teine fhiadhaich bhon 15mh den Iuchar
- Air fhoillseachadh
Dh'fhalbh na criuthaichean mu dheireadh aig Seirbheis Teasairginn is Smàlaidh na h-Alba (SFRS) a bha fhathast aig làrach an teine fhiadhaich mhòir sa Mhonadh Ruadh a thòisich bho chionn faisg air còig seachdainean.
Dh'fhalbh an 15 luchd-smàlaidh à Tèarmann Nàdair RSPB Obar Neithich Diluain.
Tha luchd-obrach an RSPB a' cumail orra a' dèiligeadh ri pìosan talmhainn a tha fhathast teth.
Thòisich an teine ann an sgìre a' Ghlinn Mhòir, faisg air an Aghaidh Mhòir, air a' 15mh den Iuchar agus rinn e milleadh air timcheall air 10 mìle cheàrnagach de mhòintich agus choille.
Luchd-smàlaidh a' strì ri teine sa Mhonadh Ruadh
- Air fhoillseachadh16 An t-Iuchar
Ceò bhon teine sa Mhonadh Ruadh ri fhaicinn an Obair Dheathain - 59 mìltean air falbh
- Air fhoillseachadh24 An t-Iuchar
B' fheudar cuid an dachaighean agus làraichean-campachaidh fhàgail, agus aig an ìre a bu mhiosa bha còrr air 500 luchd-smàlaidh an sàs san iomairt an teine a chur às.
Thuirt RSPB na h-Alba gur e "clach-mhìle chudromach" gun do dh'fhalbh an SFRS agus thug an cathrannas taing dhan a h-uile duine a bha a' dèiligeadh ris an teine.
Thuirt neach-labhairt: "Ge-tà, bidh greis ann fhathast mus tèid againn air fàilte a chur air luchd-tadhail uair eile aig RSPB Obar Neithich."

Loisg an teine mu 10 mìle cheàrnagach de choille agus mòinteach
Thuirt an SFRS gun robh an teine fiadhaich na thachartas "fada agus toinnte" a dh'fhàg muinntir an àite agus luchd-gnothachais troimh-chèile agus iomagaineach.
Thuirt an Iar-Leas-Àrd-oifigear Uilleam Pollard: "Tha cuid de làraichean fhathast dùinte air sgàth agus nach eil an talamh sàbhailte.
"Tha sinn ag iarraidh air daoine gun a dhol a-steach a sgìrean dùinte agus sgìrean cuingealaichte a sheachnadh."
Tha Coilltearachd agus Fearann an h-Alba a' cur casg air a' phoball bho bhith a' dol gu pàirtean de Choille a' Ghlinn Mhòir.
Thuirt Grant Moir, Àrd-oifigear Ùghdarrais Pàirc a' Mhonaidh Ruaidh, gun robh mòran dhaoine air a bhith an sàs san iomairt smachd fhaighinn air an teine.
"Tha e math gu bheil sinn aig an ìre seo," thuirt e.
Thuirt e gun robh fhathast obair gu leòr ri dhèanamh feuch dè dha-rìribh an cron a rinn an teine.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh27 An t-Iuchar
