Luka am Muncaidh air tilleadh dhachaigh

LukaTùs an deilbh, Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Luka, am muncaidh a bha a dhìth am Bàideanach, air tilleadh gu Pàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd is e slàn sàbhailte

  • Air fhoillseachadh

Tha muncaidh a theich bho Phàirc Fiadh-bheatha na Gàidhealtachd air tilleadh dhachaigh.

Bha Comann Ainmh-eòlas Rìoghail na h-Alba (RZSS) air iomairt a thòiseachadh às dèidh dha Luka, muncaidh macaque a tha còig bliadhna a dh'aois, a dhol a dhìth bhon phàirc ann an Ceann na Creige oidhche Dhòmhnaich.

Bha iomairt ann tron là Diluain, a' gabhail a-steach dròn, mus do thill Luka air ais dhan phàirc goirid ri 4:30f.

Thuirt luchd-obrach na pàirce gu bheil am muncaidh slàn fallain às dèidh an turais aige.

Anns an Fhaoilleach 2024, theich muncaidh macaque eile bhon phàirc airson còrr air còig làithean, an dèidh dha a bhith a' sabaid le muncaidhean eile.

Chaidh Honshu a chur an grèim a-rithist nuair a chaidh fhaicinn ann an gàrradh faisg air làimh, mus deach a ghluasad gu Sù Dhùn Èideann airson "toiseach-tòiseachaidh ùr".