Naidheachdan 10.00m

Rosebank

Tha co-chomhairle a' tighinn gu ceann an-diugh air moladh connspaideach gus an raon gas as motha ann am Breatainn nach deach fhosgladh fhathast, Rosebank - an iar-thuath air Sealtainn - a leasachadh. Bha cead ann roimhe an raon a leasachadh, ach chaidh stad air sin an dèidh dùbhlain laghail mun bhuaidh a bheireadh e air a' ghnàth-shìde. Tha dùil ri co-dhùnadh air sin, agus cuideachd raon gas Jackdaw an ear air Obar Dheathain, bhon Riaghaltas, ach chan eil fhios cuin a thig sin.

Teachdaireachdan teacsa

Dhiùlt Sràid Dhowning càil a ràdh mu aithrisean gun robh còmhraidhean teacsa aig a' Phrìomhaire ri cuideigin a bha a' toirt a chreidsinn gun robh iad nam ball de riaghaltas a' Chinn-Suidhe Trump. A rèir aithris air an làraich-lìn Politico, chaidh innse dhaibh le oifigich nach eileas ag ainmeachadh gun do bhruidhinn Andy Burnham ri cuideigin a dh'innis dha gur i Ceannard Luchd-obrach aig an Taigh Gheal, Susie Wiles, a bh' innte, mus do dh'fhàs e amharasach. Tha am BBC a' tuigsinn nach deach càil cudromach a chur anns na teachdaireachdan, agus gun deach fios a chur air na h-ùghdarrasan iomchaidh mu na thachair.

Ionad Muinntir Innse Gall

Fhuair Ionad Muinntir Innse Gall - Seallam mar a bha air roimhe - san Taobh Tuath ann an ceann a deas na Hearadh còrr air £8m airson an togalach aca ath-leasachadh. Fon phròiseact, thèid goireasan ùrachadh, thèid tasglann sinnsireachd an ionaid a dhìon agus thathas an dòchas cothroman ùra a chruthachadh dhan choimhearsnachd. Tha dùil gum bi an obair deiseil sa Ghiblean 2028.

Màl goirid

Tha buidheann nàiseanta a' maoidheadh Comhairle na Gàidhealtachd a thoirt gu lagh mun phlana aca sgìrean smachdachaidh a chur an sàs airson màl ghoirid. Thèid moladh airson sin a dhèanamh air beulaibh Comataidh Sgìre Inbhir Nis an-diugh. Thathas a' moladh dà sgìre a stèidheachadh - tè airson meadhan baile Inbhir Nis agus tèile airson a' mhòr-chuid den Ghàidhealtachd. Ach tha buidheann nàiseanta a tha a' riochdachadh dhaoine a bhios a' leigeil a-mach àitichean fèin-fhrithealaidh a' maoidheadh a dhol gu lagh 's iad air dragh a nochdadh roimhe gur dòcha gum feumadh gnothachasan a th' ann mar thà cur airson cead-dealbhachaidh. Tha sgìre smachdachaidh an sàs mar thà ann am Bàideanach is Srath Spè, ach tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil fianais ga cur air adhart gu bheil sin ag obrachadh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gur e amas a' phlana cothromachadh a dhèanamh eadar fàs na turasachd agus feumalachdan taigheadais ionadail, 's gur e sgìrean smachdachaidh aon dòigh am measg ghrunnan air a bheil iad a' coimhead.