Sgoilearan Bhreascleit a' coimhead air ais air 40 bliadhna de FtMG

Clann-sgoile bun-sgoile nan seasamh air an èideadh ann an deiseachan-sgoile.  Tha triùir fhireannach agus seachdnar bhoireannach san dealbh.  Tùs an deilbh, COMHAIRLE NAN EILEAN SIAR
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a h-uile pàiste an Sgoil Bhreascleit a' faighinn an cuid foghlaim tron Ghàidhlig

  • Air fhoillseachadh

Tha clann-sgoile ann am Breascleit air a bhith ag ionnsachadh mu eachdraidh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san sgìre far an deach a stèidheachadh sna h-Eileanan an Iar.

San Lùnastal 1986, chuir Sgoil Bhrèascleit fàilte air a' chiad chlas a bha a' dol a dh'fhaighinn oideachadh tron chànan.

On uair sin, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air leudachadh air feadh nan Eilean Siar.

Tha Sgoil Bhrèascleit fhathast a' togail air an dìleab sin san là an-diugh agus a h-uile gin den 25 sgoilear a th' ann an-dràsta ag ionnsachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Airson an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh, rinn sgoilearan Bhrèascleit prògram rèidio mar phàirt de phròiseact 'Ar Sgoil, Ar Guthan', taobh a-muigh ro dheireadh na bliadhna sgoile mu dheireadh.

Rinn iad agallamh còmhla ri Anne NicLeòid, Ceannard na sgoile ann an 1986, Anna Fhriseal, a bha na pàrant aig an àm, agus Alasdair Friseal, fear de na ciad sgoilearan.

Thòisich FtMG ann am Breascleit an dèidh iomairt bho phàrantan a bha den bheachd gun robh còir aig gach pàiste air foghlam ann an cànan na coimhearsnachd aca fhèin.

Thuirt Shona Gunn, Ceannard Sgoil Bhrèascleit: "Tha na beachdan adhartach a bh' aig na ciad theaghlaichean seo fhathast a' brosnachadh coimhearsnachd ar sgoile, agus tha e na thlachd a bhith faicinn a h-uile sgoilear againn ag ionnsachadh tron Ghàidhlig."

Thuirt Dòmhnall MacLeòid, Àrd-oifigear Foghlaim agus Seirbheisean Chloinne: "Tha sinn fada an comain nan daoine aig an robh lèirsinn agus dealas Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a stèidheachadh sna h-eileanan ann an 1986, agus do na tidsearan, ceannardan sgoile agus buidhnean a thàinig còmhla airson a thoirt gu bith."

Cuiridh Comhairle nan Eilean Siar sreath thachartasan air dòigh gus an ceann-bliadhna sònraichte seo a chomharrachadh tron bhliadhna sgoile seo.