Comhairle den bheachd nach robh plana Ghearastan nan Camshronach "riamh iomchaidh"

- Air fhoillseachadh
Thuirt ceannardan Comhairle na Gàidhealtachd nach robh e riamh iomchaidh dha Oifis na Dùthcha a bhith ag amas air na ceudan luchd-siridh comraich a chur a dh'fhuireach ann an Gearastan nan Camshronach ann an Inbhir Nis.
Thàinig e am bàrr Diardaoin gun robh Oifis na Dùthcha air na planaichean sin a chur air dàrna taobh.
Bhathas a' moladh suas ri 300 fireannach singilte a bha air tighinn a Bhreatainn a shireadh comraich a chur a dh'fhuireach dhan ionad mar dhòigh air sgur a chleachdadh thaighean-òsta airson a leithid.
Aig an àm bha e air tè de dhà làraich air an robhas a' beachdachadh, leis an tèile aig Crowborough ann an Sussex, far an deach luchd-siridh comraich a chur.
Dragh mu luchd-siridh comraich a bhith a' fuireach an làrach airm an Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh28 An Dàmhair 2025
"Dùbhlain ùra" an cois plana comaraichean a chur a dh'Inbhir Nis
- Air fhoillseachadh5 An t-Samhain 2025
Ann am brath còmhla, tha Fear-gairm, Ceannard agus Ceannard Dùbhlanach Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh nach tàinig dearbhadh oifigeil thucasan fhathast mun sin, ach gun robh an suidheachadh air mì-chinnt mhòr adhbharachadh.
Thuirt iad gun robh a' chomhairle air feuchainn ri obrachadh le Oifis na Dùthcha bho thoiseach gnothaich a thaobh na buaidhe a bheireadh am plana air seirbheisean ionadail.
Fo lagh na h-Alba, dh'fheumadh cead sònraichte airson Taigh do dh'Iomadh Neach (HMO).
"Ann an còmhraidhean, rinn a' chomhairle soilleir gum feumadh Oifis na Dùthcha cumail ri reachdas iomchaidh ann an Alba. Cha d' fhuair sinn riamh iarrtas airson cead HMO."
"A dh'aindeoin 's mar a dh'iarr sinn grunn trupan, cha deach planaichean a thoirt seachad, cha deach ceistean a fhreagairt, agus bha conaltradh bho Oifis na Dùthcha gann."
Planaichean Ghearastan nan Camshronach a' dol an dàrna taobh
- Air fhoillseachadhBho chionn 1 latha
Ceistean às ùr mu Ghearastan nan Camshronach
- Air fhoillseachadh6 An Gearran
Tha iad fhathast a' feitheamh dearbhadh oifigeil air a' cho-dhùnadh, ach thuirt iad gu bheil iad a' cur fàilte air.
"Fhad 's gu bheil sinn fhathast a' feitheamh dearbhadh oifigeil sgrìobhte, tha sinn a' cur fàilte air a' choltas a th' ann gun deach co-dhùnadh a dhèanamh, a' toirt soillearachd a bha gu mòr a dhìth air coimhearsnachdan," thuirt iad.
"Tha eachdraidh làidir aig a' Ghàidhealtachd a thaobh fàilte a chur air fògarraich agus luchd-siridh comraich, ach cha robh Gearastan nan Camshronach riamh na làrach iomchaidh airson meud a' phlana a bhathas a' moladh."
Nochd e Dihaoine gun robh Oifis na Dùthcha air còmhraidhean a thòiseachadh mu thrì làraichean eile a bhuineadh do Mhinistreachd an Dìon ann an Oxfordshire, Suffolk agus Yorkshire a Tuath a chleachdadh mar dhòigh air luchd-siridh comraich a ghluasad a-mach à taighean-òsta.
Tha am BBC air beachd iarraidh bho Oifis na Dùthcha a thaobh Ghearastan nan Camshronach.