Bi glic, bi glic - 60 bliadhna de Thèarmann Nàdair Bhaile Raghnaill

Traon a' gairm san fheurTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh tu air leth fortanach traon fhaicinn, ach chan eil iad cho diùid mu bhith a' gairm... fad na h-oidhche...

LeShona NicDhòmhnaillBBC NaidheachdanAg aithris àUibhist agus Teàrlach Quinnell
  • Air fhoillseachadh

Tha 60 bliadhna ann bho chaidh Tèarmann Nàdair Bhaile Raghnaill ann an Uibhist a Tuath a stèidheachadh.

'S e àite a th' ann far a bheil machair ga obrachadh ann an dòigh thraidiseanta, le treabhadh is stoc, airson bith-iomadachd a chumail suas - rud a bha a' tachairt co-dhiù, mar gum biodh le turchartas, sna seann làithean.

Cluinnear 's chìthear eòin ann nach eil idir cumanta ann an àitichean eile, gu h-araid air tìr-mòr, eadar traoin, curracagan, naoisg agus mòran eile - ged a bhiodh tu fortanach dha-rìribh traon fhaicinn fiù 's an sin.

Shona NicIllfhialain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Shona NicIllfhialain ag ràdh gu bheil obair an fhearainn air àireamhan nan eun a chumail àrd ann am Baile Raghnaill

Eòin a th' annta a bhios a' neadachadh air an talamh, agus am fasgadh a tha feur agus bàrr a' toirt dhaibh a' leigeil leotha àl a thogail gach bliadhna.

Tha sin a' fàgail gum feum am feur agus am bàrr a bhith na sheasamh fada gu leòr airson sin a thachairt, seach a bhith air a bhuain aig an àm as fheàrr dhan chroitear.

"Tha sinne ga fhaicinn na eisimpleir mhath airson eòin ghrunnachaidh agus an traoin, 's e sin as coireach gun deach ainmeachadh mar thèarmann annns a' chiad dol a-mach," thuirt Shona NicIllFhialain, a tha na h-oifigear coimhearsnachd aig Comann Rìoghail Dìon nan Eun, a tha os cionn an tèarmainn.

"A chionn 's gu bheil na h-àireamhan de na h-eòin sin gu math àrd againn an seo, agus tha an obair a th' air a bhith air a dhèanamh thairis air na bliadhnaichean air na h-àireamhan a chumail àrd."

Curacag Tùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha a' churracag air fàs gu math gann air tìr-mòr, ach chìthear iad sna h-eileanan

Tha an tèarmann nàdair a' tàladh luchd-turais, agus tha sin a' cur ri eaconomaidh na sgìre.

"Seo am prìomh àite airson eòin fhaicinn, chanainn sna h-eileanan, uill gu h-àraid ann an Uibhist," thuirt Ann NicIllfhialain, a bhios a' frithealadh air luchd-turais acrach a thig ann.

"So tha e cudromach dhuinne. Feumaidh e croitean an seo, 's feumaidh crodh a bhith an seo cuideachd airson a' mhachair a chumail cho math 's a tha e."

A' mhachair aig Baile Raghnaill
Fo-thiotal an deilbh,

Tha mar a tha a' mhachair ga h-obrachadh sònraichte math airson fiadh-bheatha

Tha crodh cudromach, leis gum bi iad ag ithe ann an dòigh eadar-dhealaichte seach caoraich, 's tha sin - agus an todhair a dh'fhàgas iad nan dèidh - a' brosnachadh barrachd bith-iomadachd air an fhearann.

Tha a' bhith-iomadachd sin a' tàladh luchd-turais, agus tha iad sin a' cruthachadh chothroman cosnaidh do mhuinntir an àite.

"Nuair a bha sinn a' beachdachadh dè dhèanadh sinn, chunnaic sinn gun robh cothrom an seo air sàilleibh 's gun robh an raon glèidhteachais air a bhith an seo ùine fhada 's bha daoine a' tighinn an seo co-dhiù," thuirt Anne.

"So bha sinn ann an deagh àite tòiseachadh le gnìomhachas ùr air sàilleibh 's gun robh daoine a' tighinn an seo co-dhiù."

'S e gnìomhachas a th' ann a tha a' toirt cosnadh do 11 duine - cuid làn-ùine agus cuid pàirt-ùine.

Anne NicIllfhialain
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Anne NicIllfhialain ag ràdh gur dòcha nach biodh an gnothachas aice ann mura b' e an tèarmann nàdair

Dè dìreach a tha a' tàladh an luchd-turais ann ge-tà?

Anns a' bhliadhna 1982 cha robh ach 10 traoin air an cunntadh ann am Baile Raghnaill. An-uiridh bha 30 ann.

'S e eun a tha sin a bha uaireigin cumanta air feadh Bhreatainn, ach nach fhaighear an-diugh ach air talamh a th' air obrachadh gu traidiseanta.

Bidh na h-àireamhan ag atharrachadh - suas agus sìos - tro na bliadhnaichean.

"Tha feadhainn aca, tha na h-àireamhan air a dhol sìos, agus tha sin ri fhaicinn air feadh Alba air fad, chan e dìreach anns na h-Eileanan," thuirt Shona.

"Ach tha e fhathast cudromach gu bheil àiteachan mar seo ann far an urrainn do dhaoine tighinn agus can a' churracag fhaicinn, a chionn 's air tìr-mòr tha na h-àireamhan aca sin air a dhol sìos gu mòr."

Nead curracaige le ceithir uighean am falach ann an arbhar uaineTùs an deilbh, Getty Images

Airson 60 bliadhna a chomharrachadh chaidh cuairt fuaime a stèidheachadh, air a dhèanamh le Sgoil Ealain Ghlaschu, a' toirt a-steach ciùil is òran agus fiosrachadh mun tèarmann, mun mhachair 's mu na h-eòin a tha ri chluinntinn agus 's dòcha ri fhaicinn ann.

"Tha e cuideachd ag innse mar a tha iad ag obair air an talamh - dè tha iad a' fàs, carson a tha iad ga fhàs, 's cuin a tha iad ga dhèanamh," thuirt Shona.

Leis gur iad eòin a bhios a' neadachadh air an talamh a tha ri fhaicinn aig Baile Raghnaill - agus air a' mhachair san fharsainneachd - thathas ag iarraidh air luchd-tadhail comhairle a thoirt às an rabhadh a bheir an gille-brìghde orra nuair a tha iad a' coiseachd tron fheur - "bi glic, bi glic, bi glic" - agus gu dearbha, 's e sin ainm na cuairt fuaime.