Comhairliche air a chur a-mach às an SNP rè ùine an co-cheangal ri connspaid mu chead tacsaidh èigniche

Chaidh Chris Birt a chur a-mach à buidheann an SNP rè ùine
- Air fhoillseachadh
Chaidh a dhearbhadh gun deach an Comh Chris Birt a chur a-mach à buidheann an SNP air Comhairle na Gàidhealtachd.
Bha Mgr Birt am measg bhall de Chomataidh na Ceadachd a bhòt airson cead tacsaidh a chumail aig fear a chaidh a dhìteadh airson èigneachadh.
Dh'èignich Daibhidh Brown boireannach a bha 18 bliadhna de dh'aois a bha a' siubhal san tacsaidh aige mus do dh'fhàg e i a-muigh san fhuachd ann an Inbhir Pheofharain san Dùbhlachd 2023.
Chaidh sia bliadhna agus naoi mìosan sa phrìosan air Brown, a tha 50 agus à Crothaidh, sa Chèitean am-bliadhna.
Thugadh cead tacsaidh a dhraibheadh bhuaithe, ach aig coinneimh de Chomataidh na Ceadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd air a' mhìos a chaidh, chaidh co-dhùnadh leigeil leis an cead a th' aige airson tagsaidh a ruith a chumail.

An ceathrar chomhairlichean a dh'fhàg a' chomataidh cheadachd: Uilleam MacAoidh (clì) a th' air a' chomhairle fhàgail an dèidh dha a' chomataidh fhàgail còmhla ri Sean Ceanadach, Donnchadh Mac a' Phearsain agus John Grafton
Bha sin a dh'aindeoin 's gun do chuir Poileas Alba an aghaidh sin.
Bha bhall dha teaghlach Brown air nochdadh air beulaibh na comataidh le iarrtas nach dèidheadh cead a tharraing.
Dh'adhbharaich sin ùpraid mhòr mun teachdaireachd a bha e a' cur mu shàbhailteachd bhoireannach air Ghàidhealtachd.
Chaidh Mgr Birt, a tha a' riochdachadh uàrd Ros an Iar, Srath Pheofhair agus Loch Aillse, a chur a-mach à buidheann an SNP an dèidh do cheathrar chomhairlichean eile a' chomataidh cheadachd fhàgail, le fear aca a' fàgail na comhairle buileach glan.
'S iad Mgr Birt agus Ruairidh Stiùbhart an dithis chomhairlichean a bhòt airson cead tacsaidh a chumail aig Daibhidh Brown a tha fhathast air a' chomataidh.
Dh'èignich draibhear tagsaidh deugaire mus do dh'fhàg e i a-muigh an sìde reòta
- Air fhoillseachadh15 An Cèitean
Cumaidh draibhear tagsaidh a dh' èignich deugaire air Ghàidhealtachd a chead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios
Fearg nach do chaill draibhear tagsaidh a dh'èignich deugaire cead tagsaidh a ruith
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Thuirt Ceannard Comhairle na Gàidhealtachd, agus ceannard buidheann an SNP air a' Chomhairle, Rèamonn Bremner:
"Faodaidh mi dearbhadh gun deach an Comh Chris Birt a chur a-mach à buidheann an SNP aig Comhairle na Gàidhealtachd.
"'S e gnothach am broinn na buidhne a th' ann, agus thèid dèiligeadh ris a rèir phoileasaidhean agus phròiseasan na buidhne."
Dh'innis Mgr Bremner Diluain gur e a bheachd phearsanta gum bu chòir do Mhgr Birt a' chomataidh fhàgail.
Thàinig car eile san sgeulachd Diciadain is Buidheann Chomhairlichean Neo-eisimeileach na Gàidhealtachd ag innse gu bheil Sean Ceannadach - fear eile de na comhairlichean a bha air bhòtadh 'son cead tacsaidh a chumail aig Daibhidh Brown - air a' bhuidheann sin fhàgail.
'S e comhairliche Tòraidheach a th' ann an Ruairidh Stiùbhart.
Ann am brath thuirt Tòraidhean na h-Alba nach eil iad a' cur taic ris a' cho-dhùnadh bh' aig comataidh na ceadachd.
Thuirt iad gu bheil iad a' tuigsinn carson a tha fearg ann mun chùis is gum biodh e freagarrach ath-sgrùdadh a dhèanamh air.