|
le Iain S Mac a' Phearsain
Mar a thuirt am bàrd Palestinianach Mourid al-Barghouti, tha a h-uile
càil poileataigeach: bhon chupa tì a dh'òlar sa mhadainn, (an t-àite às
an tàinig an tì, na daoine a bhuain e, an tuarastal...), dhan
fheadhainn a tha a dhìth a bu chòir a bhith aig bòrd ag ithe còmhla
rinn is an t-adhbhar air a shon.
Ma tha a h-uile càil polataigeach
ge-tà, cha b' urrainnear sgaradh soirbh a dhèanamh eadar diofar
sheòrsaichean òran. Agus dearbhar puing Bharghouti le bhith a'
smaoineachadh air òrain Ghàidhlig ainmeil a chluinnear aig cèilidhean
is cuirmean air feadh an t-saoghail air nach smaoinicheamaid sa chiad
àite mar "òrain phoileataigeach".
Mar "An Eala Bhàn": an deis-meadhan òran gaoil is caoidh far am molar
àite is àilleachd shònraichte, bristidh a-mach mar bhoma mar coinneimh
brùidealachd is bàs truinnsichean a' Chiad Chogaidh cha mhòr anns an
dol-seachad:
Tha 'n talamh lèir mun cuairt dhiom
Na mheallan suas 's na neòil
Aig na shells a' bualadh
Cha lèir dhomh bhuam le ceò
Gun chlaisneachd aig mo chluasan
Le fuaim a' ghunna mhòir.
Agus sin e, ged a dh'ainmichear a' Fhraing a-rithist 's an teansa gura
dòcha nach tig Dòmhnall Ruadh Chorùna às beò; tillidh sinn gu cridhe an
òrain: moladh na h-ìghne fhèin. Ach tha fuaim is fòirneart a' chogaidh
air sgleò a chur air a' chòrr, ged nach togar ceistean mar "carson" is
"ciamar" air fheadh. Tha sin gu leòr: is fùdar a' ghunna mhòir
a-nise a' laighe, gu samhlachail, air glinn dachaigh a' bhàird is
sùilean an luchd-èisteachd.
Ma thig sinn air ais nas fhaide a-rithist ('s sinn a' cumail ri òrain a
sheinnear gu cumanta seach dàin) gu àm an dèidh Chùil Lodair, cha leig
sinn a leas ach èisteachd ris a' chiad rann à "Mo Rùn Geal Òg" gus an
rud poileataigeach fhaireachadh na bhuaidh làitheil:
Och, a Theàrlaich òig Stiubhairt
'S e do chùis rinn mo lèireadh
Thug thu bhuam gach nì bh' agam
Ann an cogadh nad adhbhar...
Gun sìan san t-saoghal ach lèine...
Thèid lomnachd càs na tè seo a chur tarsainn cho sìmplidh 's a ghabhas,
's i a' bruidhinn ris a' phrionnsa aghaidh ri aghaidh mar gum biodh, 's
ga choireachadh airson na chaill i: a saoghal fhèin.
Ach, le bhith a' fàgail an dàrna taobh am pailteas òran mu fhuadaichean
is imrichean, ("Guma slàn do na fearaibh", "Nuair a bha
mi òg", "'S fhada leam an oidhche gheamhraidh"), 's na
th' aca ceangailte gu cruaidh ri ceistean poileataigeach nan latha
fhèin, dè mu dheidhinn poileataigs òrain Ghàidhlig an latha againn
fhìn?
Agus thuige sin, cha ghabh sinn seachad air Runrig gus a' cheist a
fhreagairt, (bho "Fhichead Bliadhna" gu "Alba" is
an còrr). Tha. Tha poileataigs fhathast a' tighinn am bàrr ann an òrain
Ghàidhlig. Smaoinich air "Ùrnaigh na Ban-Tigrich" le
Catrìona NicGhumaraid air clàr Capercaillie. Ach dè mun latha a th'
ann? Thàinig "Fichead Bliadhna" fhèin a-mach còrr math is
fichead bliadhna bhuaithe.
Tha CD rim thaobh an-dràsta bho chòmhlan "ròc-punc" Mill a
h-Uile Rud. Tha na h-òrain aca air fad sa Ghàidhlig. Agus seo airson an
rud poileataigeach:
Dhiùlt thu Gàidhlig
'S rinn thu geum...
'S mise nam smùid
Le salsa picante
'S cànan diùid...
Ach, tà, canaidh cuid, tha seo buileach far an "traidisein".
'S dòcha. Ach 's dòcha gur e sin a' phuing aca: 's iad a' feuchainn ris
an rud poileataigeach fhighe a-staigh dhan rud làitheil ann am
baile-beag na cruinne, mas fhìor, anns a bheil sinn uile beò.
Agus, nuair a thig òrain Ghàidlig a-mach, nòs sam bith, mu chogadh
Iorac no slighean Chal-Mac no dad eile, bidh an rud poileataigeach air
ais ann mar a bha e a-riamh.
|