|

Slàinte!
Nuair a thig e chun na deoch làidir, gheibh thu àbhachdas
gu leòr anns na h-òrain Ghàidhlig. 'S i uaireannan
air a moladh 's uaireannan air a dì-mholadh.
Seo fear a bhiodh againn aig Bliadhn' Ùr agus aig Bliadhn' Aost
ann am Bothan Dhail:
Chan òl mi rim mhaireann i
Deoch mhallaicht' tha i gràineil
An t-ainm a bh' oirr' gun mheall e mi
'S e bh' ann ach uisge bàis dhomh
Chan òl mi rim mhaireann i.
Polais dhubh ri marcachd
'S ag amharc orm air fàire
'S mi 'g ràdha ris gach lamp-post
A thighinn faisg 's gun toirinn làmh orr'
Chan òl mi rim mhaireann i.
An staidhre thug i lùths asam
Mo ghlùinean 's gun iad làidir
An steapa mar a dhìrinn dhith
Gun tuitinn trì na h-àite
Chan òl mi rim mhaireann i.
Bha sausages na madainn
maidne??
Aig a' chaillich anns an lardar
'S gun thòisich mi gan ithe
'S gun iad bruich ach mar a bha iad
Chan òl mi rim mhaireann i.
'S e fear a' ghuail a dhùisg mi
'S e ri dùdadh leis an làraidh
'S ma chaidh e far na dh'òrdaich mi
Bidh ròstadh aig a chnàmhan
Chan òl mi rim mhaireann i.
Bhiodh an deoch làidir air a moladh le feadhainn mar Iain Lom:
"A bhean leasaich an stòp dhuinn
Is lìon an cupa le sòlas
Mas e branndaidh no beòir e
Tha mi toileach a h-òl"
's ge b' e branndaidh no beòir e, bhiodh e na b'fheàrr
dhut a stopadh sìos. Mur a b' urrainn dhut, cha bhiodh diofar leis
ged a thuiteadh an t-sùil asad air a' bhòrd. Chuireadh Hearach
gu cùl na còmhla thu:
"Suidhidh sinn a-mhàin gu socair
'S glaodhaidh sinn air làn a' bhotail
'S òlaidh sinn gu sunndach deoch dheth
Ge b' e cosg gun tig e dhuinn"
Agus b' ann aig a' bhòrd a thilleadh a' mhiann 's a' chiall gu
Calum a' Ghlinne:
"Nam bithinn ag òl
Mu bhòrd na dibhe
'S gum faicinn mo mhiann
'S mo chiall a' tighinn
'S e 'n cupan beag donn
Thogadh fonn air mo chridhe
'S cha tugainn mo bhriathar
Nach iarrainn e rithist
Mo chailin donn òg."
Fear eile a bhiodh sinn a' seinn, le Donnchadh Bàn, 's e:
"Alasdair nan stòp ann an Sràid a' Chùil,
Sin an duine còir air a bheil mo rùn
Alasdair nan Stòp ann an Sràid a' Chùil.
Nuair a thèid mi Ghlaschu
'S taitneach leam bhith 'g òl
Ann an taigh mo charaid
Alasdair nan Stòp."
An taigh anns an d'fhuair mac na bànrigh am branndaidh ri òl,
b' e sin an Taigh-òsta a' Chrùin ann an Steòrnabhagh
- far an do choinnich Duncan Dods uair ris a' Phiseag à Ceòs,
agus far an do gheall e dha an cuilean a thrèanaigeadh:
"Dè? ars' esan, a th' agad ri òl
An gabh thu tè ruma, tè bheag no tè mhòr
Tha mis' anns an dachaigh bh' aig m'athair an Ceòs
Caoraich is airgead gu leòr agam.
Ma-thà, tha mi 'n dùil
Gun gabh sinn tè mhòr
Nuair chaidh esan dhachaigh
Bha car math na cheann
Dol a-mach air an doras
Oidhche mhath, dh'èigh e rium
Chì mi thu fhathast 's bidh 'n cuilean air sreang
'S cuimhnich gun gheall thu dhomh thrèanaigeadh
Ma-thà, tha mi 'n dùil
Cuilean fear Cheòis."
|