|
leis an t-Ollamh Urr. Ruairidh MacLeòid
Anns na h-eaglaisean Clèireachail air a' Ghàidhealtachd 's e sailm Dhaibhidh a
bhios air an seinn anns a' bhitheantas ann an adhradh follaiseach ann an Gàidhlig.
Ach anns na dachaighean bidh laoidhean air an seinn ann an coinneamhan-taighe, dàin a
thàinig thugainn o na linntean a dh'fhalbh, agus cuid eile a chuireadh ri chèile anns
an latha againn fhèin.
Tha beartas de bhàrdachd spioradail anns a' Ghàidhlig, anns an Eaglais Chaitligich
agus gu seachd àraidh anns na h-eaglaisean Pròsdanach. Rinneadh cuid de na dàin sin
ann an ceàrnaidhean mu thuath, leithid siorrachd Pheairt Shrath Spè far nach
cluinnear mòran Gàidhlig an-diugh. Bha bàird spioradail ann a bha ceangailte ri
eileanan beaga far an robh dualchas nan Gàidheal beothail - Maighistir Ailean ann an
Eirisgeigh, Murchadh MacLeòid ann an Sgalpaigh, Lachlainn MacFhionghain ann am
Beàrnaraigh na Hearadh, - agus chan eil an sin ach triùir.
Mar a tha fìor mu bhàrdachd Ghàidhlig anns an fharsaingeachd, tha bàird spioradail
ann a choisinn àrd-chliù am measg an t-sluaigh - na h-ainmean mòra leithid Dhùghaill
Bhochanain anns an ochdamh linn deug no Gobha na Hearadh anns an naodhamh linn deug.
Tha e 'na dhearbhadh air cho dèidheil agus a bha na Gàidheil anns gach eaglais air
na laoidhean aig a' mhinistear Bhaisteach, Pàdraig Grannd, gun deachaidh an leabhar
aige a chur an clò as-ùr còrr is fichead turas. Bha Pàdraig air a dhùsgadh gu
spioradail tron bhàrdachd aig Dùghall Bochanan. Coltach ris na laoidhean aig
Murchadh a' Cheisteir air a bheil Gàidheil fhathast cho measail, tha na faclan aig a'
Ghranndach siùbhlach sìmplidh, air fuinn air a bheil an sluagh eòlach.
Ged nach cluinnear na seann laoidhean air an seinn cho tric an-diugh - ma
dh'fhaoite gu robh cuid dhiubh car fada agus domhainn - bidh sreathan as na dàin sin
gan togail bho àm gu àm ann an searmoinean, ann an coinneamhan-ùrnaigh, agus air
Latha na Ceist aig àm Comanachaidh. Chuir Dùghall Bochanan ann an dà shreath na
lìonadh iomadh searmon ann an cùbaid ann a bhith a' mìneachadh diamhaireachd teachd
Chrìosd a dh'ionnsaigh an t-saoghail --
'S e 'n t-iongantas bu mhìorbhailich' chaidh innse riamh do shluagh
An Dia a bha ann o shìorraidheachd bhith fàs 'na chìochran truagh.
Cha b'urrainn teagasg Phòil mu bhunait ar teàrnadh a bhith air a chur ann am
briathran nas brìoghmhoire na an fheadhainn a chleachd Dòmhnallach na Tòiseachd,
searmonaiche foghainteach agus bàrd comasach --
Na rinn 's na dh'fhuiling Slànaighear mar sin an àit' a shluaigh,
'S e siud as barant dòchais dhaibh 's chan e gach gràs a fhuair.
Ged a tha laoidhean Nollaig cumanta anns gach cànan, tha e iongantach cho beag
agus a tha againn de laoidhean ann an Gàidhlig mu bhreith Chrìosd. Ged a chaidh
Leanabh an Aigh a chur ri chèile le boireannach Baisteach agus Tàladh Chrìosda le
sagart Caitligeach, tha iad air an seinn le Gàidheil a bhuineas do gach eaglais.
Bidh na faclan aig Leanabh an Aigh ann an Gàidhlig agus ann am Beurla anns an
Laoidheadair ùr a tha Eaglais na h-Alba a' foillseachadh air an t-samhradh seo. Ach
tha saoghal-bràth de dhàin spioradail againn a tha ag innse mu fhulangas agus mu bhàs
Iosa. Cluinnear gu tric briathran Phàdraig Ghrannd --
'S ann tha 'n èifeachd am fuil an Uain
A chum ar n-euceartan a ghlanadh bhuainn.
Anns na sailm tha faireachaidhean de gach seòrsa a' tighinn o chridhe Dhaibhidh.
Tha sin fìor cuideachd mu na laoidhean Gàidhlig. Gheibhear annta aoibhneas agus
bròn, soirbheachadh agus mealladh-dùil, ionndrain agus co-chomann, an dòchas agus na
duilgheadasan a tha aig a' chreidmeach. Tha na bàird a' moladh obair a'
chruthachaidh agus obair an teàrnaidh. Chìthear an dàimh phearsanta a bha aig a'
bhàrd no aig a' bhana-bhàrd ri Dia agus mar a bha iad airson daoine eile a theagasg
agus a tharraing gu Crìosd. Chaidh mòran de na laoidhean Beurla eadar-theangachadh
le bàird Ghàidhlig, agus sin le alt agus sgil, le Iain MacLeòid agus Ruairidh
Dòmhnallach agus iomadh neach eile. Ach tha brìgh agus susbaint anns na dàin
spioradail a chaidh a chur ri chèile air tùs anns a' Ghàidhlig nach lorgar gu bràth
ann an eadar-theagachadh.
|