Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn?

Chan eil fios againn ciamar dìreach a bhiodh iad a’ togail nan cearcall thursachan ann an Arcaibh. Airson rudan cho tomadach a chur an-àird dh’fheumadh iad àireamh mòr dhaoine ag obair còmhla ann an dòigh òrdail – barrachd dhaoine na bha a’ fuireach ann an Skara Brae. Tha e coltach gum feumadh iad leacan tarsainn, luamhain, ròpaichean agus ulagan. Ach cò chuireadh na daoine air dòigh anns an obair?






