Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn?

Chan eil ach aon phìos fianais againn gum biodh muinntir Skara Brae a’ cleachdadh stuth leighis, agus b’ e sin caochag. Bha caochag coltach ri clòimh-chotain na broinn agus bhiodh iad ga cleachdadh air lotan beaga airson an fhuil a chaisg. Saoil dè na cungaidhean eile a bhiodh aca? Cuimhnich nach b’ urrainn dhaibh dad a cheannach ann am bùth!






