Dè dh'innseas na
h-àiteachan sònraichte dhuinn?

Tha e coltach bho na tuaman a chaidh a lorg an Arcaibh gu robh na mairbh cudromach do na daoine an sin. Dh’fhaodadh gu robh muinntir Skara Brae ag adhradh do iomadh dia. ’S mathaid gur e spioradan a bh’ annta a bha a’ riaghladh pàirtean eadar-dhealaichte dem beatha. Tha e coltach gu robh a’ ghrian ’s a’ ghealach cudromach cuideachd. Saoil carson?






