
As na seann làithean bhiodh na cearcan a bha aca a' call nan itean mun àm-sa dhen bhliadhna agus bhiodh iad aon ceithir no sia seachdainean gun uighean a bhreith.
Ach, aig àm an arbhair, bhiodh na cearcan a' breith tòrr uighean, is mar sin dheth, bhiodh daoine a' feuchainn ri cuid dhe na h-uighean a bha a' tighinn an uair sin a shailleadh gus am biodh iad aca nuair nach biodh na cearcan a' breith.
Bhiodh iad a' cur salainn air bonn baraille beag no ann am peile, agus a' cur na h-uighean air an ceann dhan t-salainn, craiteachan salainn air uachdair sin. Chan fhaodadh tu na h-uighean sin a nighe oir, nan nigheadh tu na h-uighean, bha thu a' toirt rud dhen an dìon a bha air an t-slige dhiubh. Bha nàdar de glaze air na sligean.
Bha Dòmhnall Gobha, Port Ascaig, Ìle a' sgriobhadh a dh'innse gu bheil maoil a' ciallachadh rubha a tha maol no cruinn. Tha gob, sròin, rubha 's mar sin air adhart nas bioraiche na maoil. Tha gu leòr dhen bheachd gur e Maoil Chinn Tìre a tha air Cinn Tìre air fad, ach chan eil Maoil Chinn Tìre ach air fìor ghob a deas Chinn Tìre.

Is minig na òige a chuala Dòmhnall daoine ag ràdh seo, a' ciallachadh gu robh dà dhòigh air amharc air deasbad sam bith.
Nuair a bhiodh seòldairean bho na h-Eileanan an Iar a' seòladh à Glaschu, bhiodh slighe shocair aca am fasgadh Chinn Tìre, gu rachadh iad timcheall na Maoile gu onfhadh a' chuain mhòir.
'S ann bhuapasan a thàinig a' seanfhacal "Tha dà thaobh air a' Mhaoil" oir bha i socair air aon taobh agus fiadhaich air an taobh eile.
Seo ainm a bhite a' cleachdadh airson a' chuain a tha eadar na h-Eileanan agus tìr-mòr.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.