[an error occurred while processing this directive]
Ma tha rud agad ri dèanamh, 's tu a' faireachdainn caran leisg mu dheidhinn, ach le fios agad gu feum thu a dhèanamh, dh'fhaodadh tu cantainn "'S fheàrr dhomh aghaidh a' bhuinn a chuir air a' bhathais," a' ciallachadh gu robh e a cheart cho math dhut tòiseachadh air.

Ma tha taghadh agad ri dhèanamh ann an suidheachadh sam bith, agus agad ri d' inntinn a dhèanamh an-àirde, dh'fhaodadh cuideigin seo a chantainn riut. Bhiodh iad a' ciallachadh gu robh e an urra riut fhèin roghnachadh dè bha thu a' dol a dhèanamh.
Bho Nan NicLeòid, an Rubha, Leòdhas
Deagh earail a tha seo. Ma tha thu càirdeil ri duine, tha e glè mhath a bhith ga mholadh, ach cha bu chòir dhut cus molaidh a dhèanamh air gun fhios nach fhaodadh rud a thighinn ceàrr an ceann sreath.
Mur eil rud air a dhèanamh ceart an toiseach, cha toir e ach an tuilleadh obair a dhèanamh dòigheil.
Droch ghuidhe a bha seo agus rud nach bu chòir do dhuine a ràdh ri duine eile. Tha mac an duine feumach air deoch a ghabhail tric ann an cùrsa latha no seachdain, ach cuin a chunna tu caora ag òl?
Chan eil feum aca air. Mar sin, tha an abairt seo a' miannachadh gum biodh pathadh ort gus am bàsaich tu.

Nuair a chì thu duine le aodach spaideil air, cuimhnich gur ann as an duine a cheannaich an t-aodach sin a tha uaill agus mòrchuis.
Chanadh tu seo mu dhithis dhaoine, a' ciallachadh gu robh iad gu math coltach ri chèile, 's gu robh an aon duine cho dona ris an duine eile.
Tha seo a' ciallachadh caran an aon rud ri "Buille dhan a' bhroilean air a' mhaodal".
Ma tha tòrr agad de mhathasan an t-saoghail, bithidh daoine miannach air a bhith nad chuideachd ach am faigh iad fhèin part dheth.
Duine sam bith a bhiodh a-mach à rian, mar eisimpleir a' dèanamh rudan air a cheann fhèin 's dòcha nach bu chòir dha, chante gu robh an t-àm ann a chuir "ri uair a' bhaile".
No, nam biodh cuideigin ann aig an robh smachd air daoine eile, chante mu dheidhinn, "Cumaidh a' fear ud iad ri uair a' bhaile!" Dhèanadh e cinnteach gun cumadh daoine ris na riaghailtean.
Agus nam biodh clann crosta, 's dòcha gu maoidheadh inbheach orra, ag ràdh, "Cuiridh mise ri uair a' bhaile sibh!"
Bho Tormod MacLeòid, Tolastadh a' Chaolais, Leòdhas
Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.