[an error occurred while processing this directive]

Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 17 Samhain 2009

Àirne Mhoire

Creideasan

Àirne Mhoire

Bha creideas aig cuid nam biodh Àirne Mhoire aca nan làimh aig an àm, gu robh e a' cur dìon oirre aig àm leanabh a thoirt don t-saoghal.

Currac streafoin

Nuair a bhiodh leanabh air a bhreith agus currac streafoin, caul, air, bhathas a' meas gu robh a' leanabh a bha sin air leth sònraichte, agus air leth fortanach. Gu h-àraidh nam b' e balach a bhiodh ann, bhiodh iad a' cumail a-mach nach deigheadh a bhàthadh gu bràth.

Sgeulachd: A' bleith falamh

Bha Tormod MacLeòid, An t-Òb, a' cuimhneachadh air an fhear seo nach robh buileach aig a dhòigh fhèin. Bha e rud beag faoin, 's dòcha. A' latha a bha seo, bha e air a' rathad mhòr 's bha a' spliuchan aige falamh. Chaidh a' ministear seachad, 's bha cuideigin còmhla ris. Bha sin ceart gu leòr, ach bha toit mhath a' falbh à pìob a' mhinisteir.

Thuirt an duine bochd ris, as an dol seachad "Chan eil sibh fhèin ga bleith falamh, a' Mhinistear!"

Tha e coltach gum biodh na daoine bochda a' bleith na brà mur a robh ach beagan sìol aca, 's bhite a' cantainn gu robh iad ga bleith falamh.

Facail

Bangaid

Brannach inilt

'S e brannach inilt a chanadh na Hiortaich ri bean-glùine.

Bangaid

Ann an cuid a dh'àiteachan b' e bangaid a chante ris an ùrdan, an deoch a bhiodh nàbaidhean agus càirdean a' faighinn an dèidh do leanabh a bhith air a bhreith.

Blàr fìona

B' e seo a chante an cuid a dh'àiteachan ri làrach, birthmark, a bhiodh air leanabh nuair a dheigheadh a bhreith.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.