Tha an criathar ann am muileann Gharraboist mu seachd troighean a dh'fhaid, agus mu dhà throigh a leud. Tha e a' dol air ais 's air adhart nuair a tha a' mhuileann ag obair.

Tha an gràn a' tuiteam sìos air gauze agus thathas ga ruidealadh air uachdar a' ghauze seo. Tha an dust a' tuiteam troimhe, 's tha e air a thilgeil a-mach.
'S e a' chiad moll a tha a' tighinn bhon a' ghràin, dùbhdan no dùd mar a bhios aig cuid air. Bhiodh daoine ga thoirt dhachaidh agus ga bhruich le buntàta dhan a' chrodh.
Tha slige a' ghràin gu math aotrom ach tòrr nas gairbhe na an dùbhdan. Bha e air a chleachdadh airson bobhstairean agus cluasagan a lìonadh.
Bha meidhean iarainn anns a' mhuileann airson a' mhin a thomhais.
Bha deich clachan no 140 punnd ann am bolla min eòrna.
(Le taing do Graham Moireasdan airson na dealbhan de Mhuileann Gharraboist)

Nan canadh duine seo bhiodh e a' ciallachadh airson na bh' aige-san, gu robh e coma dè thachradh.
Bha an còmhnaidh cunnart ann gun deidheadh àth na teine, uair no uair a choireigin.
Chante seo ri duine aig nach robh ùidh a bhith an àite sam bith mur a robh gnothaich aige fhèin ann, 's buannachd gu bhith aige fhèin às.
Tha seo a' ciallachadh gur fheàirrde brà a geurachadh.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.