An dèidh a bhith as an àth chaidh Iain agus Seonaidh gu lobht àrd na muilne. (Le taing do Graham Moireasdan airson na dealbhan de Mhuileann Gharraboist)
Seonaidh: 'S e seo lobhta àrd na muilne agus, mar a tha sibh a' coimhead, seo far a bheil na clachan. Thall ann a' seo, tha a' chlach sgilidh, agus 's e seo a' chlach a tha a' dèanamh na mine.
Nise, tha an gràn an toiseach a' dol dhan an drabhailt a' seo. Nuair tha a' ghràin, nuair a tha e a' tighinn a-steach às an àth, tha 'd a' lìonadh an drabhailt a bha seo. Bha e a' dol sìos tron an drabhailt dhan a' chlagan. Seo an clagan.
Iain: 'S e.
Seonaidh: 'S tha an clagan seo a' dol mar seo nuair a tha a' mhuileann a' dol. Agus tha e a' crathadh a' ghràin sìos. 'S tha an gràn a' dol sìos tro na clachan tha sin, agus tha 'd cho faisg air a chèile, na clachan sin, 's gu bheil an gràn a' dol eatarra 's tha e a' briseadh an t-slige aige. Chan eil e a' bristeadh a' ghràin fhèin.
Tha an gràn an uair sin a' dol sìos a' staidhre. Thathas ga fhasgnadh. Thathas ga chriathradh, ga ghlanadh, 's tha dust a' tighinn dheth.
'S tha a' sgealbach a' tighinn dheth. Tha dùbhdan a' tighinn dheth, 's tha e an uair sin a' tighinn a-nuas a' staidhre as na h-elevators a tha seo.
Iain: O, well tha, mar belt mòr agus...
Seonaidh: Tha na bucaidean beaga a tha sin air, agus tha na h-uiread a' ghràin as a h-uile gin aca a' dol suas. Tha an uair sin, tha an elevator a tha seo ga thilgeil tarsainn, 's tha e a' tighinn a-nuas dha na pocannan ann a' seo.
Bha a h-uile duine a' faighinn a' chuid fhèin ann a' seo.
Abair gum biodh ochd no deich a phocannan agad a' tighinn às an àth, well, cha bhiodh sin agad nuair a thigeadh iad tron a' mhuileann. Bha thu a' call na h-uiread dheth leis a sgealbach a bha a' tighinn dheth 's an dust a bha a' tighinn dheth, an dùbhdan a bha a' tighinn dheth 's an dust.
Ach bha thu a' faighinn do chuid fhèin ann a' seo. Abair, abair, nam biodh deich pocannan agad, 's dòcha gun faigheadh tu naoi air ais ann a' seo.
Nise, bhon an tè seo, bhathas ga chur a-null dhan a' mhuileann bhleith. Nise tha a' chlach, tha a' chlach àrd a tha seo, a' chlach uachdrach ann a' seo, tha tunna de chuideam innte.
Agus tha i air a dèanamh an aon dòigh 's a bha a' chlach sgilidh. Tha an clagan a tha seo, tha e ri dèanamh fuaim mar seo nuair a tha a' mhuileann a' dol. Agus tha an gràn sgilidh ri dol sìos do shùil na cloich. Seo sùil na cloich ann a' seo.
Agus tha e an uair sin a' dol eadar na clachan agus thathas ga bhleith cho mìn ri flùr, ma tha thu ag iarraidh.
Tha na cuibhlichean a chì thu a' sin as a' làr, 's urrainn dhuinn a' clach uachdrach a' thogail no leagail le na cuibhlichean a tha sin.
Iain: Agus mar sin dheth a' dèanamh na mine nas mìne, 's nas mìne.
Seonaidh: No garbh, ma tha thu ag iarraidh.
Nise tha soitheach agam ann a' seo. Tha mi creids' gu bheil cuimhn' agad nuair a bha thu a' dol dhan sgoil, "four pecks, one bushel."
Iain: Tha.
Seonaidh: Well, seo soitheach peck. Nise, seall an crùn air. Sin soitheach a' government.
Iain: Well tha mi ga fhaicinn. Tha.
Seonaidh: Nise, sin tomhas peck ann a' sin. Agus tha leth peck ann a' shin, air taobh eile dheth.
Iain: Well, nach dèan sinn dealbh dha daoine a tha ag èisteachd. Tha e mar baraille bheag fhiodha le trì cearcaill air, an e?
Seonaidh: Tha, trì cearcaill air.
Iain: Tha. Agus tha an tòn aige mar gum biodh, well, chan ann lethach slighe sìos, ach trian sìos bho aon cheann, agus dà thrian bhon an taobh eile.
Seonaidh: Tha, dìreach.
Iain: 'S an taobh domhainn aige, mar sin bheir e leis, dè thuirt sibh?
Seonaidh: Peck, peck.
Iain: Agus leth peck.
Seonaidh: Leth peck an taobh eile. Nise, nuair bhathas a lìonadh an drabhailt a bha seo an àrd gu mullach, bha mise a' toirt aiste dà pheck gu leth airson làn an drabhailt de ghràin. Agus tha cuimhn' agamsa nuair a bha a' mhuileann dripeil, bha dà chiste mhòr ann a' seo, ciste ann airson an gràn sgilidh eòrna agus ciste ann airson an gràn sgilidh coirce.
'S bha an gràn sgilidh coirce, bhiodh na balaich bheaga a' tighinn a-steach a' seo 's bha 'd uabhasach dèidheil air. Siud na siùcaran a bh' aca. 'S bhiodh iad a' tighinn a-steach a' seo, 's a' feuchainn ri ghoid, a' lìonadh am pòcaidean leis. Tha cuimhn' agamsa orra glè mhath a' tighinn a-steach ann a' seo.
Iain: Tha, mas fhàg sinn sin, dè na ghabhadh an drabhailt a bha sin?
Seonaidh: Ghabhadh an drabhailt sin mun cuairt air trì hundredweights.
Iain: Seadh. Agus, 's e dà pheck gu leth a bha a' muillear a' faighinn à sin.
Seonaidh: 'S e, 's e. Dà pheck gu leth.
Iain: Nise, 's e an t-eòrna 's an coirce bu mhotha a bha sibh a' dèanamh.
Seonaidh: O 's e ,'s e. Agus nuair a bhiodh daoine a' tighinn a' seo agus abair gum biodh còig no sia de bhobhlaichean de mhin-eòrna aca.
Dh'fhàgadh iad uaireannan bobhla de mhin eòrna airson bobhla de mhin fhlùr, nuair a bhiodh iad a' dol dhachaigh, eil fhios agad.
'S mar sin bha 'd, 's bha 'd, bha aon rud timcheall air an t-sluagh, bha iad cho riaraichte agus mòran na bu taingeil na tha daoine an-diugh 'son am beagan a bha aca.
Iain: Well, tha mi a' creids'.
Seonaidh: Bha.
Iain: Faod mi dìreach ceist a chuir, na clachan, tha mi airson tilleadh thuca mionaid?
Seonaidh: Seadh.
Iain: Clachan mòra. Dh'fheumadh iad a bith gu math cruaidh?
Seonaidh: O tha iad cho cruaidh, tha, clachan a tha a' tighinn às An Fhraing a th' annta. Agus bidh sinn gan togail an ceann ùine. Agus bidh sinn a' togail a' chlach uachdrach suas chun a' bhalla ri sin agus bidh sinn ga breacadh.
Nise, tha picean againn a dh'aona-ghnothaich airson a bhith a' dèanamh làrach innte ach am biodh iad ga geurachadh, gus am bi i a' gearradh a' ghràin, eil fhios agad, nas fhasa dhith a' ghràin a ghearradh.
Nise, seo fear de na picean a bhiodh againn a' geurachadh a' chlach-sgilidh. Agus, eil thu a' coimhead, tha 'd gu math geur aig gach ceann.
Iain: Tha.
Seonaidh: 'S e steel cruaidh a th' annta. Seo fear de na picean a bhiodh againn a' geurachadh a' chlach bhleith agus seall cho geur 's a tha i.
Iain: Well, tha.
Seonaidh: Bhiodh sinn a' bualadh a' chlach le na picean a tha seo, 's a' dèanamh loidhne annta, a' dèanamh loidhnichean annta airson a' chlach a gheurachadh.
**Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh air làrach-lìn Point Online.**
(Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.)
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.