Bha Lachaidh MacGillÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach, ag innse gur e seo a bh' aca air a' bhad mu dheireadh a bhuaineadh duine, ann an suidheachadh can far an robh dithis nàbaidhean ri obair buain aig an aon àm.
Nuair a bhuaineadh aon duine aca am bad mu dheireadh, nam biodh a nàbaidh fhathast gun chrìochnachadh, bheireadh e dha am bad mu dheireadh a bhuain e-fhèin agus sin an deir'-bhuana.

Chanadh cuid A' Chailleach no An Gobhar Bacach ris a' bhad seo agus ann an àitichean bhite a' cur a' bhad seo ann an cumadh croise 's ga thoirt do nàbaidh.
Ann an cuid a dh'àiteachan bha A' Chailleach no An Gobhar Bacach air a chrochadh as a' bhàthaich agus air fhàgail a' sin gu toiseach an ath earraich. Nuair a dheidheadh na h-eich a-mach a threabhadh airson a' chiad uair, seo a' chiad bhiadh a bha iad a' faighinn.
Do chuid bha e na rudeigin de nàire a bhith a' faighinn An Gobhar Bacach no A' Chailleach oir bha e a' samhlachadh gu robh iad air dheireadh air na nàbaidhean eile. Ach bha Lachaidh ag ràdh gu robh seo cuideachd a' samhlachadh gu robh an duine a bha toirt a' bhad seachad, deiseil dhen a' bhuain aige fhèin agus gu robh e deònach a nàbaidh a chuideachadh.
Bhiodh na pàircean beaga no pìosan fearainn seo mar is trice air taobh a-muigh nan croitean. As a' chumantas, cha b' ann aig croitearan no aig daoine a bha ag obrachadh an fhearainn a bha iad, ach mar eisimpleir aig daoine leithid iasgairean a bha a' dèanamh an bith-beò aig muir 's nach robh ri obair fearainn gu ìre mhòr sam bith. Bhiodh iad a' fuireach as na buailtean ach cha robh còraichean fearainn aca.
Nuair a dh'fhàgadh duine dhen t-seòrsa seo a' bhuaile as an robh e a' fuireach, bha a' bhuaile a' dol air ais chun an uachdarain.
Bho Lachaidh MacGillÌosa, Stafainn, an t-Eilean Sgitheanach
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.