
Chante seo mar eisimpleir mu dhuine a fhuair obair a bha anabarrach math is fàbharach dha. Bha e mar an cat a gheibheadh dhan t-sabhal far am biodh a h-uile dad a mhiannaicheadh e, luchainn airson biadh, connlach no fodar blàth airson leabaidh is mar sin air adhart.
Tha faisg air an aon seòrsa ciall aig seo agus a tha aig "Tilgeil a' chait dhan t-sabhal."
Ma chumas tu do bheul dùinte, cha toir do theanga trioblaid sam bith dhut.
Bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas
Còig gràineanan sìl, dìreach na chòmhdaicheadh cruidh eich, sin an tomhas airson eòrna a chur. Ach le sìol coirce dh'fhaodte a chur cho pailt agus a bha duine ag iarraidh.
Bho Sheòras Macleòid, Dail Mòr, Leòdhas
Mur a bheil thu air fulang, chan eil thu dol a dh'aithneachadh cuin a tha thu a' faighinn cofhurtachd air falbh bho fhulang.

Ma tha thu ag ràdh rud mu dheidhinn duine, co dhiù tha e fìrinneach no breugach, faodaidh e cron a dhèanamh air an duine.
Ma tha thu ann a' suidheachadh a tha duilich dhut feumaidh tu dòigh a choireigin fhaighinn airson thu fhèin a thoirt às.
Dèan dealbh dhan t-suidheachadh, dà chù còmhla, aon air a chronachadh agus a' fear eile a' faireachdainn toilichte nach e e-fhèin a fhuair a chronachadh, ged 's dòcha gu robh e a cheart cho ciontach ris an fhear eile. Dh'fhaodadh an aon rud a bhith fìor mu dà bhalach no dithis nighean.
Nuair a bhiodh cailleachan a bh' air a bhith a' cèilidh a' fàgail nan daoine air a robh iad air tadhal, chanadh iad san dealachadh, "O thig sinn nuair a thig a' ghealach a-rithist."
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.