Bha facail eadar-dhealaichte gan cleachdadh air an achadh-bhuana agus seo cuid dhiubh.
Iain: Canaidh mise an-dràsta bad ris an rud ris an can iomadach duine sguab.
Fionnlagh: Canaidh.
Iain: Ach canaidh cuid bad ris a' bhann leis am bitear a' ceangal sguab. Agus, tha, mar a bha mi tuigs' sguab arbhair, gu nàdarrach, 's e leth-bhann leis am biodh cuid ga ceangal air sgàth nuair a thigeadh iad gu raoid, agus a Fhlòraidh, 's tusa a thog a' facal raoid, 's e eòrna mar bu trice a bhiodh as a' raoid.
'S bha e na bu mhotha, 's bha uiread ann a' raoid, no a' dol ann a' raoid, 's a bheireadh tu do dh'each ann an aon bhiadh.
Agus 's e an dòigh a bha iad ga dhèanamh, mur a biodh, mur a biodh an t-arbhar gu math, math fada, dh'fheumadh iad ceangal dà bhann no dà leth-bhann ri chèile. Agus bha 'd a' cur sin na shìneadh air an talamh, agus sin am bann agad.
Bha 'd an uair sin a' togail dlò nàdarrach no sguab nàdarrach de dh'eòrna agus ga chuir air a' bhann, an uair sin a' togail fear eile. Mar sin dheth, bha dà sguab agad am broinn an aon.
Fionnlagh: O, tha mi far an cuala mi e.
Iain: Agus 's e sin a' raoid.
Bha 'd an uair sin, tha, bha e annasach mar a bha iad ga togail. Shuidheadh sin leis fhèin air an talamh an uair sin, thogadh tu an àrd e. Dh'fheumadh tu a bhith faiceallach, mar a bha mise a' tuigse a' rud, gun cuireadh tu cùl a' raoid dhan an iar no dhan an iar-dheas, taobh an uisge.
Fionnlagh: Cùl?
Iain: An cùl aige agus an taobh le na diasan dheth, na diasan a' cromadh.
Agus an duine a bha ag innse seo dhomh bha e a' cantainn rium, nuair a shealladh tu air ais air, tha, shaoileadh tu gur e cailleachan nan suidhe air an achadh a bh' annta.
Fionnlagh: So, cha robh thu a' dèanamh ruisgean dheth?
Iain: Bha, às dèidh sin. Às dèidh sin. A' cruinneachadh na raoidean a bha seo còmhla às dèidh dhaibh beagan tiormachaidh a dhèanamh.
Fionnlagh: Raoidean. An aithne dhutsa raoidean, a Fhlòraidh?
Flòraidh: O well, 's aithne. Bha mi-fhìn, eil fhios agad, bha mi air a' facal a chluinntinn uair is uair, ach cha robh mòran de dh'ùidh mar sin agamsa as an obair a bha seo ann. Agus leis cho tric 's a bha mi air a chluinntinn sin carson a dh'fhaighneachd mi 's sinn a' bruidhinn air a' chuspair a bha seo - dè tha ann a' raoid, 's sinn a' bruidhinn air badan is sguaban 's mar sin.
Fionnlagh: O well, tha sin math. Shaoil leam gur e torran a bh' aig Ronnie air. 'S e tòrr a chanainn-sa agus torran, ach bha mi a' togail gur e torran a bh' aige air aon dhiubh. Dè chanadh tusa a-nis?
Iain: Well, 's e tòrr a chanainn-sa, ach fhuair mi dà fhacal eile airson an dearbh rud, tha, càrn agus toit.
Flòraidh: Aidh. 'S e toitean a chanas iad an Uibhist airson...
Fionnlagh: Cha chuala mi sin idir.
Flòraidh: 'S e.
Fionnlagh: Dè mu dheidhinn curracag?
Iain: Cha d'fhuair mi a' fear sin, dhan a' char seo.
Fionnlagh: Curracag eòrna?
Iain: Ach bha e agam fhìn. Bha, bha mi air sin a chluinntinn.
Fionnlagh: An ann airson eòrna bha e agad? Nuair a dheidheadh na ruisgean...
Iain: 'S ann. Airson eòrna.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.