Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 29 Sultain 2009

Facail a tha caran coltach ri chèile

Tonnan

'S e cur-seachad math a th' ann a bhith a' gleac ri facail le mìneachadh caran coltach ri chèile, mar a tha "a' dùileachadh" agus "a' sùileachadh", "buailteach" agus "dualtach", agus "coilionta" agus "coileanta".

Fionnlagh: Tha cuimhne 'am aon uair, tha, Derick Thomson mo stad ann an Obar Dheathain, aig a' University, 's cantainn an dèanainn diofar eadar coileanta agus coilionta. Seadh, Iain?

Iain: Bha mi 'n dòchas nach fhaighnicheadh tu dhòmhsa!

Fionnlagh: Ah, cha robh fios agam fhìn, ma tha sin gad chuideachadh!

Iain: Tha 'd air leth duilich. Tha 'd air leth duilich. Bha mise an aon rud le na dhà a bh' againn an t-seachdain a chaidh agus tha, tha mi a' smaoineachadh gun bhuail thu fhèin air aon rud, aon fhreumh beag a bha toirt dhomh faireachdainn gu robh mi faicinn eadar-dhealachadh a choireigin eadar buailteach agus dualtach. 'S e sin na duail a bh' as an dualchas agad, mar gum biodh, a' tighinn a-nuas, gur dòcha gu robh rudeigin ann a' shin.

Fionnlagh: Well, tha mar gum biodh facail a' seòladh. 'S urrainn dhut an tarraing an taobh ud, 's an taobh ud eile. 'S tha feadhainn ac' a tha ag atharrachadh am brìgh gu tur. Eil fhios agad, chleachd brosnachadh a bhith a' ciallachadh sàrachadh, ach an-diugh mar is trice 's e misneachadh, 's rudan dhen t-seòrsa sin.

Ach coileanta, bha coileanta a' toirt a-steach barrachd, man a robh uireasbhaidh ort gu robh thu coileanta. Ach coilionta, rud a dhèanadh tu le liut is snas.

Iain: Tha sin ceart. Bhiodh iad a' bruidhinn tric air leanabh a bhith coileanta.

Fionnlagh: 'S e, coileanta.

Iain: Eil fhios agad, leanabh a bhith ceart gu nàdarrach, nach robh easbhaidh sam bith air, eil fhios agad, nuair a dheidheadh a bhreith. Ach nuair a tha rud coilionta cha mhòr dhòmhsa nach ann a tha e a' leantainn riaghailtean sònraichte. Agus mar sin dheth, cha mhòr nach canainn a' chiad fhear, gu bheil e air a bhonntachadh ann a' nàdar, nach eil grèim sam bith agad fhèin air. Ach ma tha thu a' dèanamh rud coilionta gu bheil e an urra riut fhèin a dhèanamh coilionta.

Flòraidh: A dhèanamh coilionta.

Fionnlagh: A dhèanamh le alt?

Iain: Well, no le liut.

Fionnlagh: Facal eile a bh' agaibh, alt, a' cur an altaibh a chèile.

Bha thu a-mach air ròmhanaich an fhoghair. 'S e ròmhanaich dhòmhsa fuaim na mara, nuair a chluinneas tu ròmhanaich pìos às. Can, an cleachdadh tu sin?

Iain: 'S e, well, 's e, ach nach cluinneadh tu sin a-nise dìreach mar a bha mi-fhìn ag ràdh aig àm dhan a' bhliadhna far am biodh e rudeigin socair, a' seòrsa sìde a th' air a bhith againn as na làithean fo dheireadh?

Fionnlagh: 'S an e fuaim na mara a tha e a' ciallachadh dhut? Ròmhanaich?

Iain: Well, dhòmhsa...

Flòraidh: Mar a chuala mise sin, fuaim na mara, 's cluinnidh tu e.

Iain: Well, chan eil fhios 'am an e buileach dhòmhsa. Tha mise faisg air a' dèanamh dealbh de dh'àm sònraichte dhen a' bhliadhna.

Fionnlagh: Tha.

Flòraidh: Ach a' faod mi tilleadh air ais gu sùileachadh is dùileachadh, dìreach aon turas eile. Cha chuimhnich mi fiù 's dè bha sinn ag ràdh an t-seachdain a chaidh mu dheidhinn, Iain, ach bha cuideigin eile ag ràdh...

Iain: 'S fheàrr dhut an aon rud a ràdh co-dhiù!

Flòraidh: Well, chan e. 'S ann a bha cuideigin eile a bha ag ràdh rinn fhìn gur e sùileachadh, tha, rud a bha fhios agad a bhiodh agad co-dhiù. Agus dùileachadh, tha, rud a bha thu an dòchas gu, rud a bha thu an dòchas a gheibheadh tu.

Seo a-nis, dèan càl no brochan dhe siud!

Sìde

Sìde thogalach

B' e seo a chante ann am Barraigh ris an t-Iuthar.

Seanfhacail agus Abairtean

A' tilgeil na ceothaidh

Nuair a bha beathach a' bàsachadh chante, "Tha e a' tilgeil na ceothaidh".

Uaireannan, nam biodh bodach a' dol seachad le pìob aige is i thuige, chante "Tha e a' tilgeil na ceothaidh!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.