Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 08 Sultain 2009

Os-nàdarra

Sgeulachd: An dà shealladh aig each?

Each san stàball

Bha bàta a bha air sheòl à Lochlainn a' dol gu Steòrnabhagh agus rinn i long-bhriseadh ann a' Stafainn far an robh stàball eich shìos faisg air a' chladach. Agus seachdainean ron a' sin, thòisich an t-each a' diùltadh a-muigh no a-mach a dhol dhan stàball. Thàinig mu dheireadh aig dithis a thoirt gu stàball no bàthaich eile as an nàbachd.

Nuair a chaidh am bàta air na creagan chaidh ceathrar às a' rathad, agus 's ann dhan stàball dhan nach deigheadh an t-each a chaidh na cuirp a thoirt.

Timcheall air deich là às dèidh an tìodhlacadh, thug an nàbaidh man àirigh dè a-nis mu feuchainn an deigheadh an t-each air ais dhan stàball. Chaidh, gun dragh sam bith.

Bho Lachaidh MacIllÌosa, Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach, mu rud a thachair bho chionn còrr air ceud bliadhna air ais agus bha fhios aige cò na daoine a bh' ann.

Manadh: dòighean air fhuadach

Bìoball

Duine a chitheadh manadh, bhiodh e uaireannan a' cur a làmh timcheall ort, a chas air muin do chois-sa, agus bha sin mar gum biodh a' fuadach a' mhanaidh.

Na faiceadh duine manadh, bha e a' faighinn a' Bhìobaill agus a' ruith a mheur gu cabhagach air duilleagan a' Bhìobaill. Chante "a' cur gaoth a' Bhìobaill air t'aghaidh" ris a seo agus bha e a' fuadach agus a' toirt faochadh.

Am Bigearam

Bha Eva NicDhòmhnaill, Paibil Iarach, Leòdhas, ag innse gun cuala i fhèin Am Bigearam nuair a bha i òg. Bha i as a' leabaidh aig an àm, ann an taigh a bha air a lìnigeadh air fad le fiodh. Bha e coltach ri diog gleoc.

'S ann daonnan nuair a rachadh daoine dhan leabaidh a chluinnte e, nuair a bha an taigh sàmhach. Bha Bigearam Bàis ann agus bha Bigearam Bainnse ann, ach b' e Bigearam Bàis a chuala Eva.

Bodhaig

Cìoch-shlugain

'S e rud beag a tha seo a tha an crochadh an cùl do ghoile, a tha gad chuideachadh a' slugadh do bhiadh. Bha cuimhne aig Mgr Calum MacIllFhialain à Èirisgeigh a mhàthair a' cur spàin sìos cùl amhaich agus a' togail na cìoch-shlugain.

Ma dh'fhosglas tu do bheul, 's tu air beulaibh sgàthan, chì thu pìos beag mar craiceann an crochadh an cùl do bheòil, agus sin e.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.