Ann an cuid a dh'àiteachan bhite a' cur salainn dhan a' pharaffin. Bhiodh e a' glanadh a' cheò a bha a' tighinn às a' lasair. Bhiodh a' lasair agus a' solas an uairsin tòrr na bu ghile.
Bha cuid a dhaoine ann a bha a' ceannsachadh eich le bhith ag èigheach riutha 's gam bualadh. Bha feadhainn eile ann a bhiodh a' bruidhinn gu socair, ciùin riutha agus 's e facal nan each a chante ri sin. Glè thric bha sgil ann an làimhseachadh nan each a' ruith ann an teaghlaichean bho athair gu mac.
An rud a bha agad air iasad dh'fheuchadh tu ri na b' urrainn dhut de dh'fheum fhaighinn às.
Bho Thormod MacLeòid, An t-Òb, Na Hearadh
B' e an càlaidh am balla a bha eadar dà rum ann an taigh.
Nuair a tha cat a' streap thèid e suas a' chiad phìos de bhalla gu math luath ach, mar as aìrde a tha e a' dol, 's ann as slaodaiche a tha e a' fàs.
Chante seo ri duine sam bith a bha a' sàs ann a' rud a bha duilich dha.
Tha seo a' ciallachadh gu bheil duine a' taghadh a chuideachd. Chan eil e ag iarraidh ach a sheòrsa fhèin.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.