Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 21 Iuchar 2009

Daoine

Fearas-mhòr

Chante mu dhuine a bha a' saoilsinn tòrr dheth fhèin gu robh e làn fearas-mhòr. Chante moit-mhòr cuideachd.

Euslaintean is Ìocshlaintean

Meug

Bha meug math airson tinneas anns na dubhagan.

Seanfhacail agus Abairtean

Is lìonmhor tuil-bheum a' bheathaich laig

Ma bha àite bog no arrasbacan sam bith as a' mhòintich as am faodadh beathach a dhol ann an afoinn, bhiodh e na bu mhiosa is na bu chunnartaiche don bheathach a bha lag.

Is luath each iasaid

Ma tha duine a' faighinn leithid each air iasad, tha e buailteach a bhith ga obrachadh agus ga obrachadh agus a' faighinn a h-uile feum is urrainn dha às.

Na buail each na fhallas agus na caomhain e air a' chòmhnard

Ma tha an t-each a' strì, tha e a' dèanamh nas urrainn dha agus cha bu chòir an tuilleadh iarraidh air. Ach nuair a tha e air a' chòmhnard is urrainn dha barrachd a dhèanamh.

Chan fhòghnadh le cuid a bhith air an each ach a bhith thairis air

Tha cuid ann nach eil riaraichte le càil agus tha iad an còmhnaidh ag iarraidh beagan a bharrachd.

Bha e a' maoladh a chluasan

Chante seo mu dhuine a bha a' fàs caran crosta.

A' bruidhinn air eich!

Nuair a thigeadh tu a-steach air dithis is iad a' bruidhinn còmhla agus gun canadh tu riutha, "Cò air a tha sibh a' bruidhinn?" agus gur e am freagairt a gheibheadh tu "Tha sinn a' bruidhinn air eich!" dh'aithnicheadh tu nach robh iad airson innse dhut cò mu dheidhinn a bha iad a' bruidhinn. Cha robh gu math dhut a dhol na bu dàine.

Dà rud a b'fheàrr, each à Uibhist agus bean à Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.