'S e cairt-taomaidh a bha seo. Dhòrtadh a' chairt-chopaig a luchd mòine no todhar chionns gu robh cùl-cheanglaichean no lùdagan oirre. Chan fheumadh duine a falamhachadh len làmhan no le gràp.
Nuair a thòisich daoine a' frithealadh bùithtean Steòrnabhaigh bha iad airson na cairtean a dhèanamh na b' aotroma le bhith a' gearradh asta am pìos far an robh i a' lùbadh agus as an robh na cùl-cheanglaichean no na lùdagan. Cha chopadh càrn is dh'fheumte an luchd a thoirt dheth.
Seo spring cart as a' Bheurla, cairtean aotrom a bha air an dèanamh le fiodh cruaidh agus saothair mhòr air a ghabhail riutha.

Bha an rèim a-muigh de chuibhle na cairte air a dhèanamh de shia pìosan fiodha air an cumail ri chèile le pinnichean fiodha agus an uairsin bann iarainn ris an cante cearcall na cuibhle.
B' e seo a bha an teis mheadhan na cuibhle.
Bha spògan no tarsannan na cuibhle eadar cìoch na cuibhle agus an rèim. Bhite a' cleachdadh darach airson nan spògan agus leamhan airson an rèim ma dh'fhaodte chionns gu robh leamhan math ann an uisge.
Nuair a bhite a' feuchainn ri each crosta a thoirt à cairt, cho luath agus a dh'fhidreadh e gu robhas a' fosgladh an uidheam dheth, bha e buailteach feuchainn às. Airson dèiligeadh ri seo, bhathas ga thoirt suas gus am biodh aghaidh ri balla agus duine air gach taobh dheth gus nach fhaigheadh e air tionndadh taobh seach taobh.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.