Seo mar a dh'innis Mòr NicLeòid, Brù, Leòdhas do dh'Iain MacIlleathain mar a dhèanadh i ìm.
Mòr: Nise, rinn sinn an gruth, agus thig sinn a-nis chun an uachdair. Agus bha sin a' dol ann a' soitheach eile.
Agus a rèir agus dè a' sgìre às an robh sibh, bha ainm eadar-dhealaichte air an t-soitheach as am bite a' dèanamh an ìm.
As a' sgìre as an deach mise a thogail, 's e biota a chanadh iad, agus stòpa ri tè bheag, agus àiteachan eile 's e cuinneag.
Agus bha cumadh rudeigin coltach, a' chiad fheadhainn co-dhiù a bh' ann, an fheadhainn a bhathas ag obrachadh leis a' làimh, bha cumadh rudeigin coltach ri baraille beag orra.
Iain: Bha. Bha.
Mòr: Agus ceann annta le toll ann.
Iain: Bha.
Mòr: Agus bha maide eile a' dol sìos agus suas tron an toll a bhathas ag obrachadh, agus b' e an t-ainm a bha air a' mhaide sin a' loinid.
Bhathas ag obrachadh a' mhaide sin sìos agus suas am broinn an t-soithich, gun toirte an t-ìm air an uachdair. 'S bha an uairsin ìm agus blàthach agaibh.
Iain: Bha.
Mòr: Agus bhathas a' toirt a' bhlàthach às, agus bhathas a' cur an ìm ann am bùrn fuar ann am mias eile. Agus a' cumail a' dol ga obrachadh as a' bhùrn fhuar, bùrn às dèidh bùrn às dèidh bùrn, gus an tigeadh am bùrn glan às. 'S bha sin a' minigeadh gun tàinig a' bhlàthach às gu lèir.
Iain: Mar gum biodh, rudeigin, ga nighe?
Mòr: Ga nighe. Bhathas ga nighe. 'S mathaid gu feumadh sibh sia bùrnan a chur air uaireannan mas ruitheadh am bùrn glan. Ach cha robhas a' sguir ga nighe gu ruitheadh am bùrn mu dheireadh glan às.
Agus man a robhas a' dol ga chleachdadh as a' bhad, bhathas a' cur salainn air. Nise cha dèanadh a' salainn mìn mar a chanadh iad a cheannaicheadh sibh as a' bhùth, cha dèanadh sin a' chùis idir. 'S e salainn garbh air a phronnadh eadar dà anart.
Bhiodh iad ga phronnadh an dàrna cuid le slachdan no le botal, ga dhèanamh mìn. 'S e sin a' sailleadh a dh'fheumadh a dhol air an ìm.
Iain: Agus an e dìreach craiteachan beag a bha a' dol air uachdar an ìme?
Mòr: Chan e. Dh'fheumadh e a bhith air obrachadh troimhe.
Iain: Tha mi a' tuigs'.
Mòr: Dh'fheumadh e a bhith air obrachadh troimhe. Bhathas an uairsin ga chuir ann a' soitheach eile, mar gun canadh sibh crog.
Mar bu tric, 's e crog crèadha a bhiodh ann. Well, bhiodh lìnig air gun teagamh, bhuidhe, an còmhnaidh air na crogaichean crèadha bha siud.
Iain: Bhiodh, bhiodh.
Mòr: 'S bhathas ga chur dhan a' chroga sin. Agus air a mhuin bhathas a' cur slige eachan. Nise 's ann de theaghlach nan creachan a tha an t-eachan, ach tha e tòrr nas lugha na an creachan.
Iain: Seadh.
Mòr: Ach 's e an aon cumadh a th' air na sligean, an tè staoin agus an tè dhomhain.
Iain: Tha, tha mi a' tuigs'.
Mòr: Ach tha iad tòrr nas lugha. Bhathas a-nise a' cur an t-slige sin air muin an ìm. Bhathas an uairsin a' cur còmhdach air a' chrog airson nach fhaigheadh an àidhear thuige agus 's e an t-adhbhar airson an robh an t-slige ann airson, nuair a bhite a' dol a dh'iarraidh an ìm sin, bha an t-slige sin a' slisneadh an ìm dhan an t-soitheach as an robh sibh a' dol ga chur air a' bhòrd.
Iain: Tha, tha mi a' tuigs'.
Mòr: Agus bha sibh a' fàgail na slige sin as an t-soitheach as an robh an t-ìm gun teirigeadh an t-ìm.
Iain: Bha. Dè seòrsa uachdar a bha a' dol air a' chrog a bha seo?
Mòr: Anart.
Iain: Seadh. Seadh. Is e air a cheangal air le?
Mòr: Bha e air a cheangal air le snàth geal.
Iain: Snàth geal. 'S e.
Mòr: Ach 's e anart a bhiodh ann. Ach a-nise nuair a bhathas air an àirigh 's a' toirt dhachaigh a' bhainne 's a' bhàrr bhon na h-àirigh 's e imideal a bhiodh a' dol air na soithichean an uairsin.
B' e sin a-nise craiceann caorach air a nighe 's air a... well, dh'fheumadh a' chlòimh a bhith air a thighinn dheth gun teagamh an toiseach.
Ach bhathas an uairsin ga nighe 's ga sgrìobadh 's ga nighe, agus ga fhàgail am bogadh oidhche as dèidh oidhche ann am bùrn is salainn, agus nuair a bhiodh e cho glan 's a ghabhadh e chuir, bhathas an uairsin, mur a robhas a' dol ga chleachdadh as a' bhad, bhathas ga chrochadh 's bha e dol cruaidh, tioram, geal.
Agus ma bhathas a' dol ga fheumachdainn, mar gun canadh sibh làrna-mhàireach, dh'fheumte a bhogadh.
Iain: Dh'fheumadh. Airson gum biodh e tais gu leòr.
Mòr: Airson gum biodh e tais gu leòr airson a phasgadh mu bheul an t-soithich.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.