
Seo latha nach eil a' dol a thighinn gu bràth. Chanadh tu, "Cha tachair sin gu latha Luain!" a' ciallachadh nach tachradh e gu sìorraidh. 'S e an aon bhun a tha aige ri Diluain, latha air am bi a' ghealach a-mhàin a' toirt dhuinn solas, latha nach bi grian ann. Latha tha sinn an dòchas nach tig!
Lorgar e ann am bàrdachd agus òrain, mar eisimpleir, anns an òran a tha a' moladh Loch Ma Ruibhe:
Agus anns an òran Cruinneag na Buaile:
Seo a thuirt Iain ri Flòraidh agus i air tilleadh an dèidh bhith air falbh airson seachdain!
Ma tha Diciadain ann cha mhòr nach eil an t-seachdain seachad.
Tha clach na deagh ealag gus am buail a' faobhar leis a bheil thu a' gearradh oirre.
Taigh as nach eil sìon, cha tarraing e mèirlich.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.