Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 07 Iuchar 2009

Croitearachd

A' Chuithe

Cearcan

'S e ceàrnag a bh' ann le gàrradh de chlach is cip no rud dhen t-seòrsa sin. Ma bha, can, fichead croit ann am baile, bha an gàrradh air a roinn ann am fichead pìos agus b' e aon phìos pèighinn. Bha aig a h-uile duine ris a' phìos gàrraidh aca fhèin a chumail suas gus an cumadh e an crodh a-staigh air an oidhche.

Ùtraid na mònadh

Bha ùtraid na mònadh cuideachd air a roinn a-mach eadar a h-uile croit. Bhiodh aig a' chonstabal ri dèanamh cinnteach gu robh gach croitear a' cumail a phèighinn fhèin dheth air a chàradh mar bu chòir.

Saor-làithean nan cearcan

An àm an fhoghair bhiodh na cearcan ag iarraidh dhan arbhair agus a dh'arbhar dhaoine eile. Air sgàth sin, bhite gan cuir às a' bhaile gu bothag a bhite a' togail dhaibh as a' gheàrraidh, pìos math air falbh bho na taighean agus bhon arbhar, uaireannan faisg air mìle air falbh. Agus nam biodh allt no abhainn bheag ann, bhiodh e na b'fheàrr buileach oir bhiodh iad air an taobh thall dhen abhainn.

Bhiodh iad dualtach iarraidh dhachaigh ach cha tèid a' chearc gu deònach tarsainn air uisge! Bhiodh an duine leis am bu leis iad a' dol thuca moch is anmoch le biadh agus a chruinneachadh nan uighean. 'S bhiodh na cearcan a' sin gus am biodh a' foghar air a sgioblachadh. Thigeadh iad dhachaigh an uairsin.

Cosgoradh / Sùmachadh / Lèibhidh

B' e an cosgoradh no an sùmachadh an àireamh sprèidh a chumadh ionaltradh baile fad na bliadhna ged nach robh sprèidh air an ionaltradh mòran as a' gheamhradh chionns nach biodh càil ann a dh'itheadh iad. Bhite a' fosgladh nan croitean dhaibh. Mas e monadh math a bh' ann le beagan feur agus fraoch, bhiodh a' sùmachadh a rèir cia mheud caora a chumadh a' monadh a bha sin fad na bliadhna, ged nach biodh sprèidh air a' mhonadh ach bho earrach a-null gu foghar. Cha bhiodh mòran ri ithe air a' mhonadh fad a' gheamhraidh.

'S e lèibhidh a chante ri sùmachadh ann an Uibhist a Tuath agus, ann am baile Chnoc a' Lìn an Uibhist a Tuath, b' e còig mart a bh' ann.

Colpach

Bha am feurach air a roinn a-mach na cholpaich, le ochd colpaich a' dol gu mart.

Uan

Bha Ruaraidh Dòmhnallach a' smaoineachadh gu robh, a rèir an sùmachadh, sia caoraich a' dol mu choinneamh aon mhart no deich caoraich mu choinneamh each.

Dh'fhaodadh croitear a bhith ag atharrachadh dè na beathaichean a bha aige bho àm gu àm ach nuair a chuireadh e a h-uile càil a bha ann còmhla, dh'fheumadh e tighinn chun an àireamh cheart.

Crò / Cotan

Chithear fhathast air feadh nan eilean cròthan no cotain uain. Bhite tric a' togail gàrradh 's dòcha tarsainn air amhaich rudha beag a bha a' dol a-mach do loch no àite dhen t-seòrsa sin airson crò, no an Uibhist a Tuath cotan, nan uan a dhèanamh.

Sgaradh / Tearbadh

Bhathas a' toirt nan uan bho am màthraichean san Lùnastal agus às dèidh sin bhiodh duine eile an urra riutha. Chante gu robhas a' sgaradh nan uan bho na caoraich, no, ann an Uibhist a Tuath, gan tearbadh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.