Bha am buachaille fad an latha an cois a' chruidh gus nach biodh an crodh a' bualadh a chèile agus airson an t-arbhar a dhìon bhuapa.
Bhruidhinn Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach air a' bhaile san robh e fhèin, mar eisimpleir. Ma bha an t-sìde tioram bhiodh an crodh as a' gheàrraidh far an robh uisge gu leòr agus bhiodh iad a' dol chun a' mhachaire an uairsin nuair a bha an t-sìde fliuch 's an t-uisge gann.

Bha e ag ràdh gur e obair gu math deuchainneach a bh' ann is agad ri bhith na do sheasamh an cois an arbhair a' cumail a' chruidh a-mach às. Dh'fheumadh tu deagh chù.
Bhiodh eagal aig a' chrodh ron bhuachaille 's a chù, agus nuair a dh'èigheadh e ruitheadh iad. B' e am buachaille agus a' chù an fheansa a bha timcheall air an arbhair!
Bha cuimhne aige air seann bhuachaille is ged nach robh fhios aige dè am pàigheadh a bha e a' faighinn, bha cuimhne aige gu robh e cuideachd a' faighinn iomaire arbhair ann an iomall a h-uile sgath. Nan leigeadh e an crodh dhan arbhair, 's ann dha chuid fhèin a bha iad a' dol. Bha iomaire bhuntàta aige cuideachd agus bha a h-uile croitear as a' bhaile a' cur cairt fheamad air talamh buntàta a' bhuachaille.
Bha an-còmhnaidh pàirc an tairbh faisg air a' bhaile anns an Eilean Sgitheanach agus bheireadh na croitearan an crodh a-nuas ann nuair a bha an t-àm ann. As t-samhradh bhiodh an tarbh a-mach còmhla ris a' chrodh fo chùram a' bhuachaille.
Anns a' bhaile san d'rugadh Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach bha dà bhoth ann, tè aig gach ceann dhen bhaile, agus bhiodh an tarbh deich latha san dara tè agus deich latha san tè eile.
Bha duine air a chuir air leth aig a' chonstabal airson sealltainn ris an tarbh. Bha fodar ga thogail bho gach croitear airson an tarbh a bhiathadh. Bha pìos ròpa aig a' chonstabal air a dhèanamh, dul air, agus sìos pìos dhen ròpa bha snaidhm ann. Bha seo ga lìonadh leis an fhodar gus an tigeadh an snaim tron an dul agus b' e sin fodar an tairbh airson latha. Bha e a' faighinn leth dheth as a' mhadainn agus leth eile feasgar is bha aig an fhear a bha a' gabhail cùram an tairbh ri leigeil gu uisge airson deoch cuideachd.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.