
Bhite ag ràdh gur e Clann Raghnaill a thug am buntàta a dh'Uibhist an toiseach, agus dha na h-eileanan. Bha Fionnlagh MacLeòid ag innse gu robh fhathast mìr talmhainn a-staigh air bhàrr nan creag, ann an Àrnol, Leòdhas, a tha air aithneachadh mar an t-àite far an robh iad a' cur a' bhuntàta an toiseach. Cha chuireadh iad idir buntàta anns na lotaichean. Bha e mar gum biodh teich aig daoine roimhe.
Bha co-dhiù dà sheòrsa cliath ann, fear sònraichte a shlaodadh each, agus fear na bu lugha a bhiodh daoine a' tobhaigeadh. Bha iad a' cur an iris mum broilleach 's a' coiseachd leis. Obair throm a bh' ann.
Bha e na chleachdadh an cuid a dh'àiteachan a bhith a' cur seagal is coirce còmhla ann an àite far an robh buntàta air a bhith, ann am mathachadh a' bhuntàta mar a chante, no ann an atharnach a' bhuntàta. Agus bha cleachdadh ann a bhith a' gearradh an t-seagail gorm, mas abaicheadh e. Air an aon latha, na faigheadh iad latha math, ghearradh iad e gorm is tioram, agus ghocadh iad e an àite leigeil leis abachadh. Bha tòrr a' bharrachd math ann dha beathaichean nan deidheadh a bhuain gorm.
Do dh'iomadh duine tha caoir a' ciallachadh rud fìor thioram, mar pìosan fraoich no pìosan feòir, no fiù 's pìosan rèisg. Bhite ga chleachdadh airson teine a thogail. 'S mathaid gur ann à sin a tha am facal caoran a' tighinn.

Nuair a bhiodh tu a' rùdhadh no a' togail mhònach agus ga fàgail ann an gàrradh, nuair a dheidheadh tu an uairsin a thogail a' ghàrraidh a bha sin, nam feuchadh tu ris a h-uile fàd a bh' ann a thoirt bho chèile, bha thu a' dèanamh tòrr briseadh air a' mhòine. Air sgàth sin, bhiodh daoine a' togail trì no ceithir a dh'fhàdan a bhiodh ceangailte ri chèile agus gan cuir nan seasamh ann an loidhne ri taobh a chèile 's ga fàgail ceangailte. Ann an Uibhist a Tuath, a rèir coltais, 's e caoir a chante ris an sin.
Seo freumhaichean tioram a gheibhte ann am mòine bhàn.
Bhathas a' cleachdadh calcas nuair a bhite a' togail bhàtaichean is eathraichean airson a bhith ga chuir eadar nam bùird. Chante gu robhas a' calcadh eathar.
Bha cuimhne aig Iain MacIlleathain air plòitean mar mòine thioram, aotrom, shoilleir. Bhite a' taghadh seo agus ga roiligeadh ann am pàipear-naidheachd airson seòrsa de thoitean a dhèanamh.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.