Fionnlagh Macleòid, Flòraidh NicIlleathain agus Iain MacIlleathain a' còmhradh mu eòin.
Fionnlagh: Bha mi fhìn as a' chladach bho chionn mìos agus, tha... bha am breac an t-sìl dìreach air a thighinn, 's e na shuidhe anns an fheamainn ann an sin 's ag ithe a' chuileag, 's thug mi ùine mhòr ga choimhead 's mi smaoineachadh air, air a thighinn à Sudan 's na h-uabhasan a tha dol 's a' Sudan.
'S an t-eun sin a' siubhal an t-saoghail, 's air a thighinn air ais dhan cheòb ann a' shin far an deidheadh a bhreith.
Agus 's e fear dha mìorbhailean mòr an t-saoghail a th' ann mar a tha na h-eòin a' falbh 's a' tighinn.
Bha cuideachd, eil fhios agad, mar a tha na h-eòin... dè an t-àm dhen latha a th' ann. Ma tha a' ghrian an-àrda gu faic thu an clacharan air leac lom, man d'thuirt iad. 'S an uairsin as a' cho-thràth, tha e na thoileachas-inntinn 's uaireannan na dhoilgheas do dhaoine ag èisteachd ris an traon, 's chan eil fhios againn cho fortanach 's a tha sinn.
Agus an naosg anns an adhar, 's chan eil Gàidhlig agam air dè bhios i a' dèanamh, drumming, le itean a h-earbaill...
Flòraidh: O tha fhios agam. An e sin an tè a bhios a' dol "A dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine?"
Fionnlagh: A' dèanamh srann. 'S e. "A dhuine, dhuine, dhuine." Tha thus a' tòiseachadh air a' sin cuideachd. "A dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine." 'S e. Dèan a-rithist e.
Flòraidh: "A dhuine, a dhuine, a dhuine, a dhuine."
Fionnlagh: O tha sin math. Bheil Gàidhlig agaibh ann an Càrlabhagh air a' rud a bhios an traon a' dèanamh gu h-àrd? Chan e an traon ach an naosg.
Flòraidh: An naosg.
Iain: O tha thu nise a' dol troimh-a-chèile orm. 'S iomadh turas a chuala mi an traon agus an naosg ach chan eil, chan eil Gàidhlig agam air a' sin idir.
Flòraidh: Ach mas fhàg sinn na fuaimean ged-thà, thàinig rud thugainn an seo:
Tha dà eun beag sa choill' ud thall 's their an dàrna fear ris an fhear eile,
"'S toigh leam thu, 's toigh leam thu."
Agus their a' fear eile air ais, "Dearbh sin, dearbh sin."
An cuala tu sin a-riamh?
Fionnlagh: Cha chuala. Bha e a' bruidhinn air mar a tha na geòidh 's mar sin a' cruinneachadh mas fhalbh iad, 's mar sin, ach, isean eile a bhios a' cruinneachadh ann an dòigh mas fhalbh iad, ach chan fhaic thu iad a' falbh, 's e sin fear a tha leis a' sgiath dhearg air, smeòrach na sgèithe deirge.
'S chì thu pailteas dhiubh a' tighinn mas fhalbh iad suas chun na... mu thuath a' neadachadh. 'S tha iad sin an uairsin a' tilleadh as t-Fhoghar is tha iad còmhla rinn fad a' gheamhraidh. Sin agad a' redwing. Faidhir mar smeòrach, srianag bhuidhe air cùl na sùla aige, agus dearg fon a' sgiath.
Iain: Tha, tha mi smaoineachadh nuair a bha thu fhèin a' bruidhinn beagan na bu tràithe, 's a' bruidhinn air mar a tha na h-eòin a' siubhal 's a' tighinn slighe mhòr, can mar a bha thu fhèin ag ràdh, a' tighinn à Sudan 's sin, tha... bidh mi fhìn gan coimhead uaireannan agus beagan de thuigse agam gu bheil feadhainn aca, bho dh'fhalbhas iad air sgèith, nach eil a' stad idir gu ruig iad an ceann-uidhe.
Flòraidh: Na geòidh fhèin dìreach...
Iain: Agus, tha... cha mhòr gun gabh sin a chreids', an t-slighe cho mìorbhaileach fada, iad fhèin cho lag 's cho fann ann a' seagh, agus an t-sìde dhan a h-uile seòrsa gu bhith romhpa.
Fionnlagh: Air taobh siar Leòdhais, is caomh leamsa an-còmhnaidh a bhith a' coimhead na geòidh a' tighinn bho deas, agus an uairsin nuair a ruigeas iad an cladach, bhos cionn a' chladaich, agus 's iongantach mar eil iad a' faicinn an fhairge mhòr fharsaing romhpa, brisidh am pàtran gu math tric mas tèid e a-rithist, mas tèid a' "V" a-rithist, 's mas gabh iad orra.
Saoilidh tu gu bheil iad ag ràdh "Well, seo e. Eil fhios agad, chan eil talamh romhainn airson ùine mhòr a-nis."
Iain: 'S iad a' feuchainn air, mar gum biodh.
Fionnlagh: A' feuchainn air.
Flòraidh: Dà latha is dà oidhche gun stad a bha Ailig ag ràdh a bhiodh na geòidh.
Ùine mhòr a tha sin air sgèith.
Seo an t-eun a bhios a' dol an cois na cuthaig. Ann an Uibhist a Tuath, 's e gocan a chante ris, agus 's e glaisean a th' ann.
Tha e coltach gum bi barrachd is aon dhiubh a' falbh an cois na cuthaig agus, a rèir coltais, chunnacas trì dhiubh aig amannan. Ach chan eil fios cinnteach carson a tha seo. Tha am facal gocoman no gocan a-nis air brìgh eile a ghabhail, rudeigin mar fear-faire, mar a tha Ruaraidh MacThòmais ag ràdh ann am bàrdachd far a bheil a ag ràdh nach eil sinn air ar h-irichean, "an gocoman a-mach à sealladh, as a' bhothan 's e ga dhalladh."
Gheibhear a' bhàrdachd Cuthag is Gocoman anns an leabhar Creachadh na Clàrsaich, cruinneachadh de bhàrdachd 1940-1980 le Ruaraidh MacThòmais, Macdonald Publishers, Dun Èideann 1982.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.