Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 26 Cèitean 2009

Euslaintean is Ìocshlaintean

Leamhnagan

Màm

Seo at no lot a thigeadh air duine, gu tric fon achlais. Bhite ga leighis le bhith a' cumail faobhar làmhaig ris agus aig an aon àm ag aithris cunntais - aon gu dhà, dhà gu tri, trì gu ceithir, agus a' leantainn air adhart gu deich. Dh'fheumte an uairsin tilleadh, deich gu naoi, naoi gu h-ochd 's mar sin air adhart. Nan rachadh tu ceàrr fhad 's a bha thu a' cunntas chan obraicheadh e. Bhite a' dèanamh an aon rud airson leamhnagan no sleamhnagan a leigheas.

À Sgalpaigh

Blàth na brice

'S e a' bhreac smallpox agus glè thric dh'fhàgadh sin làraich air craiceann an duine air an robh e. 'S e na làraich sin blàth na brice.

Seanfhacail agus Abairtean

Dèan annlan air a' chnàmhan

Ma tha thu a' cnàmhan tha thu daonnan a' gearain is bhite ag ràdh "Dèan annlan air a' chnàmhan!" a' ciallachadh "Sguir a ghearain!"

Sùgradh air atharnach

Bhite a' togail a' bhuntàta as t-Fhoghar agus, nuair a thigeadh an ath earrach agus a thòisichear a' tionndadh na talmhainn a-rithist, bhiodh an fheannag no an talamh anns an robh am buntàta, an t-atharnach, cho furasta a thionndadh a bharrachd air an talamh anns an robh eòrna no seagal no coirce. Le sin bha e na shùgradh dhaibh nuair a thigeadh iad thuige, is chanadh iad sùgradh air atharnach ris.

Tòimhseachan

Dh'ith e ceud ugh eireig, cliabh sgadain agus ochd geòidh agus cha bu chù e nuair a sguir e

'S ann a' cluich air fuaimean agus ciall a tha seo - ceud agus ciad; cliabh a' ciallachadh broilleach a bharrachd air rud anns an cuireadh tu mòine; ochd agus uchd.

Bho Iain MacAmhlaigh, Rathanais, Leòdhas

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.