Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 26 Cèitean 2009

Fìneagan agus Fìneag

Mòr NicLeòid

Fìneagan

Bha Mòr NicLeòid, Brù, Leòdhas ag innse mar a bha e na chleachdadh aig daoine aig toiseach a' gheamhraidh a bhith a' ceannachd a-steach bolla no dà bholla mine. Ach, uaireannan, mas fhaigheadh iad air a' mhin uile a chleachdadh, bhiodh i mar gum biodh a' dol dheth agus bhiodh i làn bheathaichean beaga air an robh fìneagan.

Cha mhòr gum faiceadh tu idir iad ach dh'fhairicheadh tu mar gum biodh a' mhin fhèin dìreach a' gluasad air a h-uachdar.

Bha Mòr ag innse mu fhear às an sgìre aice fhèin nuair a bha i òg. Bha e na chleachdadh an uairsin aig daoine a dhol a thaighean eile a dhèanamh rudan mar buachailleachd. 'S dòcha gum biodh iad ann airson seachdainean fhad 's a bha iad a' buachailleachd a' chruidh, 's bhiodh iad a' faighinn am biadh ann.

Bha am fear a bha seo agus bha e ann an taigh ag obair mar sin agus bha e a' cumail a-mach nach robh e faighinn biadh, 's nach robh e faighinn sealltainn às a dhèidh cho math is a luthaigeadh e, agus rinn e an rann beag a bha seo 's e ri fealla-dhà agus ri fanaid aig an aon àm.

Cudaigean gun a sgoltadh a' bhiodh againn anns a' mhorning
Mionach leis na h-adhaichean 's an domblas gar bòcadh;
Na fìneagan ag èaladh air uachdar na min-eòrna,
'S cha chreidinn dha na dotairean nach tugadh siud an tòc oirbh.

B' e an tòc galair a bhiodh a' tighinn ann an sùilean bheathaichean, ann an crodh, ann an caoraich agus ann an eich. 'S e pink eye a bhiodh aca air nuair is ann air eich a bha e.

Bha Oighrig Nic Chlèirich à Port Sgioba an Ìle ag ràdh gur e fìneagan a chleachdadh iadsan airson raodan no woodworm .

Sùil eich

Bha Tòmas Moireasdan à Loch Portan, Uibhist a Tuath ag ràdh gur e beathaichean beaga bìodach a bhios anns an fheur a th' anns na fìneagan. Bha e a' cuimhneachadh turas a bha e an Eilean Cholla agus bha sabhal ceangailte ri ceann an taighe anns an robh iad a' fuireach. Bha toll beag air ceann an t-sabhail agus slataichean a' dol tarsainn air dìreach airson an àidhear a leigeil a-staigh chun an fheòir.

Bha e ag ràdh gun tug e sùil a-steach air agus bha dà thaobh dhe dìreach loma-làn de na beathaichean beaga bìodach glas a bha sin - fìneagan. Bha e ag ràdh gu robh nead chearcan san t-sabhal agus gu faiceadh tu na fìneagan fiù 's air feadh nan uighean.

Fìneag

Nam biodh boireannach ann a bhiodh a' gearain an còmhnaidh, an còmhnaidh, 's a' faighinn coire dhan h-uile sìan, chante mu deidhinn "Och, chan eil innte siud ach fineag!"

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.