Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 14 Giblean 2009

Co-cheangailte ri Òrduighean

Comharra

Sgeulachd: The Golden Wonder shilling!

An àm a' chogaidh nuair a bha na h-evacuees aig an taigh, well, feadhainn òga a bhiodh annta 's tha e coltach gun fhaca iad na comharraidhean, no chunnaic iad aon chomharra co-dhiù. Agus 's e cumadh oval a bh'air. Agus tha e coltach, leig fear dhiubh èigh agus thuirt e "Look at the Golden Wonder shilling !"

Agus tha e coltach, Golden Wonder, fhios agad, gur e buntàta a bha sin.

'S tha mi cinnteach gur e cumadh caran oval a bhiodh air gun teagamh. Ach siud a' rud a thuirt e, 's bha am boireannach a' smaoineachadh gu robh sin air leth èibhinn, dìreach gun shamhlaich e, fhios agad, an cumadh a bh' air a' chomharra ri cumadh Golden Wonder !

Sgeulachd: An taigh làn dhaoine

Bha am boireannach seo ag innse dhomh gu robh a h-athair-cèile, gu robh e dìreach sgriosail fhèin gu bhith a' fiathachadh dhaoine chun an taighe. Agus bhiodh sluagh dìreach a bha uabhasach a-staigh fo na cabair. Agus co-dhiù an turas a bha seo thuirt bean an taighe - bha leithid dhiubh ann (sin agad màthair na tè a bha ag innse seo dhomh) – thuirt i "An dà, gu sealladh ormsa, tha dìreach... chan eil àite a-staigh 's an caidil sinn!"

Ach 's e rud mu dheidhinn, 's e an fhìrinn a bh' ann. Cha b' e dìreach rud a bh' ann 's dòcha mar a chanadh tu uaireannan "Och, chan eil àite sin agam." 'S dòcha gu robh. Ach gu fìrinneach cha robh àite am broinn an taighe. Agus tha e coltach gun d' thàinig oirre fhèin agus fear an taighe cadal anns a' bhàthaich. Fhuair iad iasad de bhobhstair agus chaidh aca air cadal anns a' bhàthaich.

Comharran

Thàinig fios bhon Urramach Dòmhnall Dòmhnallach a bha na mhinisteir ann an Càrlabhagh ag innse gu robh comharra caran annasach aige fhèin. Bha sgrìobhadh air ann an trì cànanan. Bha Am Preas Lasrach mar dhealbh air, le sgrìobhadh ann an Laideann. Bha an earrainn "Dèanaibh seo mar chuimhneachan ormsa" sgrìobhte ann am Beurla agus ann an Gàidhlig bha sgrìobhte air Eaglais Shaor Chàrlabhaigh.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.