Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 7 Giblean 2009

Croitearachd

Feamainn

An t-sreath bhàn

Bha cuimhne aig Iain nuair a bhathas a' cur a' bhuntàta bhathas gu follaiseach a' fàgail sreath bhàn. Bha thu a' tionndadh 's a' cur a' bhuntàta agus an uairsin a' tionndadh sreath eile 's cha robh càil a' dol dhan tè sin. 'S ann dhan ath thè a-rithist 's docha a dheigheadh am buntàta. Bha dà dhòigh air a dhèanamh. Dh'fhaodadh tu bhith a' cur an todhar dhan an t-sreath bhàn no dìreach a' sgaoileadh an todhair air uachdar na feannaig mas tòisicheadh tu. Ach cha bhiodh iad a' moladh gum biodh an fheamainn no an todhar cus a' suathadh anns na sgealban buntàta a bhiodh tu a' cur dhan an t-sreath. Bhathar ag ràdh nan cuireadh tu cus feamainn air an talamh gum biodh am buntàta buailteach a bhith bog. Bha daoine airson gum biodh am buntàta aca tioram.

Feamainn dhubh is feamainn dhearg

Bhathar a' cumail a-mach gu robh an fheamainn dhubh a bhathar a' gearradh air an taobh an ear math airson talamh an taobh an ear agus gu robh an fheamainn dhearg math airson machair.

Facail

Maothran

B'e seo a chante ri pàiste no naoidhean òg.

Ùdal

Nan cante riut mu chuideigin "Bha an truaghan air ùdail", bhiodh sin a' ciallachadh nach robh duine a' gabhail a chùram 's gu robh e ann an èiginn.

Riabhag

Seo ainm eile airson uiseag.

Naoidhean òg

Dùile

Chleachdadh tu seo nam biodh tu a' bruidhinn air truaghan de dhuine. 'S e dùile a bhiodh ann.

Lurach

Nan cante gu robh clann lurach, bhiodh sin a' ciallachadh gu robh iad bòidheach.

Flathail

Duine flathail, bhiodh e uasal, ma dh'fhaodte gur e prionnsa a bhiodh ann.

Bho Mhurchadh Dòmhnallach, Am Bac, Leòdhas

Cèigeannan/Cèigeach

Sin snaidhmeannan a bhios nad ghruaig nuair a tha e feumach air a chìreadh.

Bho Mhairead NicIllinnein, Loch Portan, Uibhist a Tuath

Chanadh tu falt cèigeach agus chanadh tu mu dhuine a bha dìreach air dùsgadh gu robh e cèigeach, le praban na shùilean 's a ghruag na stob!

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.