Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 7 Giblean 2009

Geasagan

Taigh-solais Bell Rock

Bha Dòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach às an Oban air innse mu àm nuair a bha e ag obair air taigh-solais Bell Rock . Còmhla ris bha fear à Obar Bhrothaig a bha ag innse mun chiad bhàta air a peantadh a thàinig riamh dhan bhaile. Cha cheangaileadh duine de na h-iasgairean am bàta fhèin ri taobh na tè seo as a' phort. A h-uile bàta a bha air an tearradh, an t-seann chleachdadh, bhiodh iad ceangailte taobh ri taobh 's bha an tè seo leatha fhèin. Bha 'd a' creidsinn nach robh rud ceart as a' pheant a bha seo 's cha rachadh iad faisg oirr'.

Bhiodh sgiobairean garbh diombach de dh' iasgair na duine sam bith dhan a' chriubha aig am biodh bucas-mhaidseachan Swan Vestas seach gu robh dealbh eala air a' bhucas. Bha 'd a' creidsinn gur robh sin na dhroch chomharra agus cha robh iad idir, idir airson gum biodh e a' dol gu muir leotha.

Na falbhadh iasgairean gu muir agus gu mothaicheadh luchd an taighe no duine sam bith gu robh iad air rudeigin a dhìochuimhneachadh, ged a bhiodh an rud gu math èiseil dhaibh agus gu math deatamach, cha robh na h-iasgairean uair sam bith airson gum biodh duine ag èigheach às an dèidh agus gu h-àraidh gu feumadh iad tilleadh dhachaigh.

Seanfhacail is Abairtean

Mas uaill aig baile, chan uaill bho bhaile

Can, nam biodh tu air tighinn dhachaigh às an eaglais no às an sgoil 's deagh aodach ort aig àm nuair a bha an t-aodach gann, cha robhas airson gum biodh an deagh aodach sin air fhàgail ort fad an latha mur a robh adhbhar sònraichte airson sin. Bha e mar fhiachaibh ort t'aodach atharrachadh mus milleadh tu e agus na fàgadh tu ort e sud rud a chante riut.

Bho Chriosaidh NicRisnidh, Glaschu

Is mairg do 'm beirear macan maoth mas e Diardaoin a' Bhealltainn

À Barraigh

Mas e Ciadaineach an t-Samhain, is iargaineach fir an domhain

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.