Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Màrt 2009

Seanfhacail is Abairtean

Crodh

Caillear bò an droch mhuthaich seachd bliadhna ron a' mhithich

'S e muthach a chante an cuid a dh'àiteachan ris an duine a bhiodh a' sealltainn as dèidh a' chruidh, am buachaille.

Tha e air a chleachdadh anns an t-seanfhacal Caillear bò an droch mhuthaich seachd bliadhna ron a' mhithich. Nan dèanadh tu rud agus gun cante riut "Gu dearbh cha b' ann ron a' mhithich a rinn thu e," bhiodh sin a' ciallachadh gu robh làn thìde agad an rud a dhèanamh.

B'fheàrr am partan tuathal na bhith gun fhear-taighe

Bha am partan tuathal a' fuireach ann an taigh eile. Bha e mar beingean, a' tighinn a-steach a thaigh eile agus 's dòcha gu falbhadh e an ceann ùine. Cha b' urrainn dhut cus earbsa a bhith agad a fuireadh e, ach, fhad 's a bha e ann, b' e a b'fheàrr na bhith falamh.

Cluinnear 'S e 'n duine an t-aodach agus 'S e 'n duine an t-aodach, 's chan e a' cholainn chreuchdach. Ga thoirt ceum eile, cluinnear Mo chùl ris na luideig! Is e an duine an t-aodach, 's chan e a' cholainn chreuchdach.

Tha iad uile a' ciallachadh an aon rud - ma tha thu air do sgeadachadh gu dòigheil a thaobh d'aodach, bheir sin deagh ìomhaigh dhut.

Ach tha tionndadh eile ann: 'S e an duine an t-aodach ach 's e a' laochan am biadh a' ciallachadh nach eil e gu diofar dè an t-aodach a th' air duine, cha mhath e mur eil biadh na bhroinn.

Dh'fhaodadh tu ràdh mu na seanfhacail seo Dùisgidh aon rud dà rud a' ciallachadh nuair a thogas tu aon rud glè thric thig cuideigin le pìos eile dheth.

Dealg

Taigh dubh

Nuair a bhiodh iad a' cur nan sgrathan air na taighean dubha, bhiodh na sgrathan a' dol air druim an taighe 's bhiodh iad pàirt aon air muin na tèile caran mar a bhios sglèat a' dol air mullach taighe.

Airson an cumail nan àite, bhiodh iad a' cleachdadh rud mar prìne làidir, fiodh. Dh'fheumadh tu bhith faiceallach ann a bhith cuir a' phrìne seo a sàs, gur ann air fiaradh sìos a bhiodh e, no ruitheadh an t-uisge tron tughadh 's a-steach do na sgrathan agus bhiodh e an uairsin buailteach tighinn a-steach dhan taigh.

'S e dealg a chante ris a' phrìne sin as an robh sia no seachd a dh' òirlich a dh'fhaid.

Bho Dhòmhnall Eardsaidh Dòmhnallach, an t-Òban

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.