Help / Taic

Facal Oirbh, BBC Radio nan Gàidheal, 03 Màrt 2009

An Tilley

Tilley

Tha Fionnlagh MacLeòid còmhla ri Iain MacIlleathain agus Flòraidh NicIlleathainn 's iad a' cuimhneachadh air linn an Tilley.

Fionnlagh: 'S e comharra uabhasach math air a' gheamhradh dhòmhsa a bh' as an Tilley. Bhon bha i toirt a-steach a bhith a-staigh 's a bhith blàth 's srann aice man seillean 's i uabhasach brèagha air a cuir ri chèile, a h-uile pàirt dhith man a bha sibh ag ainmeachadh. Fiù nach robh am pump aice brèagha is math air a dhèanamh agus iad uabhasach làidir cuideachd.

'S man a bha sibh a' dèanamh ann a siud na bha timcheall oirre ... ga gaothadh 's a' chìoch bheag a bh'air a' chliathaich aice a bha thu cumail sùil air airson faicinn a robh thu air gaoth gu leòr a chuir innte, vaporiser, a h-uile pìos. Agus man a thuirt e, cho mìorbhaileach 's a bha am mantle. Cha robh sinn a' tuigse dè man a bha i a' dol 's cha do rinn sgoil fuasgladh sam bith air dè seòrsa gnè lampa a bh'ann. Shaoileadh tu gum biodh e air leasan math a dhèanamh. Bha e uabhasach math sibh a' cuir thuige sin.

Iain: Bha, agus mhothaich thu man a chleachd e cuideachd cho foidhne 's cho furasta sa bha mantle cron sam bith a dhèanamh air.

Fionnlagh: O bha, bha sin math. Eil fhios agad, ma bha droch agalladh sam bith air a dhèanamh, 's thuirt esan ma bha dubhais sam bith air a dhèanamh air. Nis, chan e facal a tha sin a tha agamsa idir, agus nam biodh toll air thigeadh a' lasair a-mach air an toll ach dh'fhaodadh a' mantle cumail a' dol greis ged a bhiodh toll gu math mòr air. Uaireannan ged a bhiodh a' chliathaich a dhìth air.

Iain: 'S iomadh fear a thàinig air cumail a' dol.

Fionnlagh: Thàinig.

Iain: Agus mhothaich mi gun tuirt Seòras cuideachd ann a shin gun mhothaich e fhèin an t-eadar-dhealachadh bu mhotha as an dachaigh 's e air falbh is 's e lampa-siofaig a bh' ann nuair a dh'fhalbh e 's an uair a thill e bha 'n Tilley ann agus thuirt mi ris "Dè an t-eadar dhealachadh dha na mhothaich sibh?" 's thuirt e rium "A bhròinein, a' solas a bh'ann, 's am blàths."

Fionnlagh: O a' solas a bh' ann, 's e. Ach tha e toirt a-steach ormsa làr le wax air 's daoine ag ràdh riut, "Thalla 's faigh deoch 's dùin an doras sin 's seub a' tighinn troimhe!" 'S eil fhios agad dìreach a h-uile càil a tha timcheall air, 's tha an Tilley aig teis-mheadhan sin. Bha sinne rudeigin na b'adhartaiche na sibhse, 's e toirdse a bh' againn air am peana a bha sinn a' cuir le meth. Agus bhiodh sinn a' cuir uaireannan nuair a bhiodh an toirdse a' fàs rudeigin aosta is baoill a' tighinn oirr', bhiodh sinn a' cuir pean-aodaich fòidhpe airson a' cumail air a' vaporiser.

Iain: Well, feumaidh mi an fhìrinn innse dhut! An oidhche a bha sinn fhìn ag obair leis an Tilley gu robh an clobha no an toirdse air ruighinn an ìre gur e sin an dearbh rud a bha againn ga chumail an àrda.

BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.