
"Bhiodh iad a' cluiche thaighean as na bacannan gainmhich agus sin cho fasgach, eil fhios agad, na dùin ghainmhich tha sin. 'S bhiodh iad a' dèanamh trì tuill as a' ghainmheach is clach-mhuile aig a h-uile duine. 'S bha mise a' dèanamh dheth gu robh e rudeigin coltach ri bowls. Ach dh'fheumadh tu a' chlach a thaghadh. Cha b' ann buileach cruinn a bha i. Bha i cruinn bho aon chumadh oir 's e clachan-muile a bhiodh annta. Bha 'd cruinn bho aon shealladh ach cha b' urrainn dhaibh a bhith cruinn mar cèiseabal no cha mhòr gu stadadh iad nuair a thilgeadh tu iad. Agus a' feuchainn ri bualadh clach a bhiodh duin' eile air a thilgeil 's mar sin air adhart. Agus bha riaghailtean sònraichte ann ‘s tha min dòchas gu faigh mi greim air na riaghailtean tha sin oir tha cuimhn' air na rudan sin a' tòiseachadh a' falbh."
Mar a dh'innis Murchadh Dòmhnallach, Col Uarach, Leòdhas do dh'Iain MacIlleathain
"Chan eil fhios agam an e dealbh a chanadh tu ris an ìomhaigh a bha thu a' dèanamh led chròg eadar thu san teine, no eadar an lampa 's am balla. Bhiodh cròg a' bhalla aig cuid air, 's dhèanadh iad dealbh de rabaid no rud mar sin. Bha cuid a dhaoine a bha sònraichte math air."
Anns a' gheamhradh, bha aon gheam aig co-aoisean Fhionnlaigh, geam mòr farsaing le tòrr chlann a' gabhail pàirt ann. 'S e gheig an t-ainm a bh' air.
"Agus 's e rud man hide and seek a bh' ann. Bha balla ann agus mar bu tric balla-tòin taigh dubh. Agus bha cuideigin a' dìon sin. 'S bha 'n còrr a' sgaoileadh air feadh na lotaichean 's air cùl nan cruachan mònach. Anns an dorchadas glè thric 's 's e geam a bh' ann, ma bha thu rudeigin na bu lugha, bha rudeigin feagalach mu dheidhinn a bhith a-muigh as an dorch 's fhios agad gu robh daoine ga do ruith.
'S bha fear a bha dìon a' bhalla, bha esan no ise a-muigh cuideachd a' feuchainn ri faighinn greim ort. Nan deidheadh srucadh annad, bha thu mach às." Bhiodh tusa a' feuchainn ri faighinn "dhachaigh" mar gum biodh, gu ceann an taigh, 's nuair a thigeadh tu na do ruith is duine tighinn ort mu oisein, bha tòrr dhan a sin ann.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.