
Ma tha an torc shona ann an duine sam bith tha cùl ann; tha seasamh ann. 'S docha gun cleachdadh tu e mu dhuine calma, a bha math air obair; duine as am biodh cur leis. Chanadh tu "Tha an torc shona ann".
Agus am facal "torc"? Nuair a bhiodh daoine a' tionndagh fearainn, mas tionndaidheadh iad e, bhiodh iad a' comharrachadh a-mach càite an robh na còraichean aca-san a' stad, agus bhiodh iad a' tionndadh ceap mar gum biodh, agus 's e torc a chante ris a sin.
Agus ga thoirt ceum eile, chanadh tu gu robh beathach torc-chluasach ma bha gearraidhean beaga no beuman beaga air an toirt às na cluasan aige. Chanadh tu gu robh torc as na cluasan aige no gu robh am beathach torc-chluasach.
Tha am facal glùin air a chleachdadh airson ginealach. Chante "a-mach chun a' cheathramh no a' chòigeamh glùin", a' ciallachadh a' dol air ais chun a' chòigeamh linn no ginealach.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.