'S e togail fhaochag rud ris am biodh daoine man àm seo bhliadhna. B' e obair a bh' ann a bha luachmhor airson cosnadh agus biadh. Anns a' phrògram, 's e Ùisdean MacMhathain às a' Bhaile Shear, Uibhist a Tuath agus Ceit Anna NicIallain à Taigh a Gheàrraidh, Uibhist a Tuath a bha bruidhinn air a' chuspair seo. Seo taghadh dhe na bh' aca ri ràdh.
Ùisdean: Dh'fheumadh am muir-làn a bhith freagarrach, gum biodh e mach ann am meadhan an latha. Cha dèanadh e feum idir a thaobh na faochagan an làn a bhith staigh meadhan a' latha oir bha thu call na cothroman air na cladaichean. Ach duine tha ris na faochagan tha e a' cumail cuimhne air a h-uile sìon dhe sin. Feumaidh e, oir tha a' bheò-shlàint' aige an crochadh air.
Tha 'd ag innse dhòmhsa gu bheil sìde ghreannach fhuar, gu bheil i math air na faochagan a thoir gu na h-àiteachan àrda. Tha 'd san àite ìseal gun teagamh ach tha an t-àite seo àrd agus chan ann tric idir a thig bualadh fhaochagan ann, ach feumaidh an t-sìde a bhith freagarrach air a shon...
Ceit: 'S e 'n fheadhainn dìreach meadhanach bu tric a chithinn sa mo sheanmhair a' toir dhachaigh. Cha toireadh i dhachaidh an fheadhainn bheaga uair sam bith agus na bu mhotha na sin cha robh i keen air an fheadhainn mhòra thoirt dhachaidh. Bhiodh i ràdh gum biodh am biadh righinn annta sin, ach 's e dìreach an fheadhainn car a' meadhan size mar gum biodh. Agus an fhaochag dhubh, bu toigh leatha uabhasach an t-slige dhubh a bhith orra...
Ach an fheadhainn a bhiomaid ag ùisneachadh an còmhnaidh 's e dìreach an fhaochag dhubh mar is trice. Agus... ach feadhainn mhòr eile, 's e cnothagain a bh' aca orra. 'S e an aon ghnè ris an fhaochag a bha iad, ach bha 'd sin mòr, 's uairean gheibheadh sibh sa mhol iad ach gun biadh idir annta. Ach gheibh sibh shìos sa làn iad agus bha biadh mòr annta sin.
Chan fhaca mise riamh i dèanamh feum dhan bhiadh aca ach bhiodh i a' dèanamh feum dhen a' chnothagan. Bhiodh iad a' dèanamh uisg-aoil air. Bhiodh iad gan goil 's a' dèanamh uisg-aoil orra. 'S ann geal a bha an t-slige aca sin 's bha 'd mòr 's bha àite shìos ann an t-Hòmhsta ann a shuid a bhiomaid a' dol thuige. 'S bha fhios aice an còmhnaidh far am faigheadh i iad. 'S ann a sin a bhiodh i gan togail.
'S gheibheadh sibh cuideam uabhasach às an fhaochag dhubh a bha sin. Nisd, faochag air am biodh an t-slige ghlas, cha robh i leth cho trom rithe.
Ùisdean: Mar a tha gu leòr, bha mise air an aon dòigh – pucaid chnapach 's ceithir làn na pucaid, tha sin a' dol gu leth-sgèile agus tha e furasta cuimhne a chumail air an tomhais. Tha e ag obrachadh math. 56 punnd mar gum biodh, agus bha uair a bha poca-sgèile ann ach sguir iad dhe sin.
Bidh feadhainn a' lìonadh a' phoca, na pocannan a th' aca, ga lìonadh gu bheul agus gheibh iad a rèir a' chuideam. Chan eil e gu diofar dè mar a tha iad. Tha na marsantan gu math fair mun cuairt air, agus gheibh iad tomhais a rèir a chuideam.
Ceit: Tha cuimhn' agam mo sheanmhair a bhith ag innse dhomh gum biodh iad gan cuir sìos gu Billingsgate agus gur iomadh uair nach d'fhuair i ach maighdeann-mhara air ais. An dèidh an cur sìos gum biodh iad ag ràdh gum biodh iad air a dhol dheth, gum biodh na faochagan dona ma ruigeadh iad. Agus cha robh iad ach a' cuir thuice, tha, maighdeann-mhara air a dhèanamh air fiodh - dìreach mar gu faiceadh sibh bìdeag bheag de dh'fhiodh air a shnaidheadh a-mach. Sin a chuireadh iad thuice air a son an dèidh a saothair.
'S bhiodh i dol suas a Ghrìminis - tha fhios agaibh fhèin gu bheil sin astar math às a seo - 's bhiodh i gan togail shuas ann a sin 's gan toir a-nuas air a muin às a sin. Cha robh baidhsagal no car no dad eile an uairsin ann ach a' coiseachd 's an t-eallach aice, gan toir dhachaidh às a sin.
Agus 's iomadh uair a chuala mise i a' ràdhtainn gur e siud a gheibheadh i air an son. Co-dhiù bhiodh sin ceart no ceàrr, cha robh duine ann a b' urrainn a ràdhtainn nach robh àsan ceart. Eil fhios agaibh, sann air a' steamer a bhiodh iad a' falbh.
Ùisdean: Bha mo mhàthair 's bhiodh i toirt greisean orra cuideachd 's bha i math air an togail cuideachd. Bha i na boireannach làidir. Ach rim chiad chuimhne 's ann orra a bha daoine beò aig aon àm – srùbain is faochagan gam bruich, snàthad a' slaodadh a bhidh asda.
Ceit: Chan fheum iad mòran còcaireachd idir, dìreach nuair a chuireas sibh dhan uisge iad, tha, 's e dìreach goil. Bha facal aig mo sheanmhair "Goil dhan an fhaochaig, is naoi dhan a' bhàirneach."
Dh'fhàgadh i am bàirneach còig mionaidean fichead air, ach 's e dìreach goil a gheibheadh an fhaochag. Agus bhiodh i an uairsin ga spioladh, nuair a dh'fhuaraicheadh iad. 'S e snàthad a bhiodh aice, snàthad mhòr, agus bhiodh rud beag cruaidh dìreach mar gum biodh slige bheag, chruaidh as a' bheul aca. Feumaidh sibh sin a bheir às. Chan eil thu an uairsin dìreach ach a' cur an t snàthaid sìos 's slaodaidh sibh a-mach iad. Agus nam biodh iad air tuilleadh sa chòir bruich fhaighinn bhristeadh iad nan dà leth an uairsin. Cha toireadh sibh a' chuid mu dheireadh idir às an t-slige dhiubh.
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.