Thàinig am fiosrachaidh a leanas bho luchd-èisteachd Facal Oirbh ann an 1998 nuair a chaidh am prògram a chraoladh an toiseach.

Bha e air a ràdh gu robh am feur a bha air eileanan Caolas na Hearadh cho goirid 's ged a ghabhadh tu ràsar dha nach lìonadh tu aon bhonaid leis! Ach bha am feur math chionns gu robh na h-eòin agus na ròin ga thodharachadh.
Bhiodh iad a' cur seann chrogaichean de chaoraich air Eilean Sheilaigh, air cùl Phabaigh, deireadh na bliadhna aig àm reitheachd. Cha chuireadh iad uair sam bith reithe no rùda ceart nan cois, ach uanreith no beathach nach bu mhòr a b' fhiach.
Bhiodh uairean tarraing na mara air a' chladach cho làidir 's gur ann a' tilgeil nan caorach às an eathar a bhiodh iad.
Nan tigeadh na crogaichean truagh seo idir tron gheamhradh, bha e air a ràdh gum biodh iad cho fallain ris a' bhreac an dèidh a bhith air an eilean 's gum biodh a h-uile tè le uan math, tapaidh, beothail aice. 'S e soideanaich a chante ris na h-uain seo, a' ciallachadh beathach tapaidh, beothail. Soideanach de dh' uan a bhiodh ann!
Bho Shìm MacCoinnich, An t-Òb, Na Hearadh
Bho Choinneach Iain Mac a' Ghobhainn, Iarsiadar, Leòdhas.
Bho Shìne Currie, Loch Baghasdal, Uibhist a Deas

Agus, nuair a gheibheadh na gillean Callainn rudeigin, bheannaicheadh iad an taigh mar a leanas.
Bho Iain M. MacLeòid, Baile Ailein, Leòdhas
Mur a faigheadh na gillean càil bho mhuinntir an taighe mhallaicheadh iad an taigh mar a leanas, "Gum biodh do mhionach aig na starragan air na feannagan gu Latha Fhèill Brìghde."
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.