
Thàinig post-dealain bho Mhaighread Stiùbhart ag ràdh gam bithear a' cleachdadh am facal goiste ann an Èireann airson godparent.

Le Iain MacFhearchair, (Iain MacCodrum)
B' e Duan na Bainnse a' chiad òran a rinn Iain MacFhearchair, Iain MacCodrum, a rugadh mu dheireadh na seachdamh linn deug ann an Uibhist a Tuath. Ged nach d' fhuair e fiathachadh chun na bainnse, chaidh e fhèin 's a ghoistidh, a charaid, ann co-dhiù... ach cha b' e an fhàilte a b' fheàrr a fhuair iad. Tha a' bhàrdachd slàn agus bàrdachd eile le MacCodrum ri fhaighinn anns an leabhar Òrain Iain MhicFhearchair , deasaichte le Uilleam MacMhathain (Oliver and Boyd, Dun Èideann 1939 )
BBC © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.