Trì puingean luachmhor dha na Staggiesair fhoillseachadh aig 08:56 GMT 4 An Gearran
Tùs an deilbh, SNSThog Ross County trì puingean cudromach oidhche Mhàirt is iad a' soirbheachadh 1-0 an aghaidh Queen's Park aig Lesser Hampden.
'S e Uche Ikpeazu a chuir an tadhal às dèidh 79 mionaidean is e air tighinn far na beingidh air a' chiad gheama aige dha County bho chuir e ainm ri cùmhnant Diluain.
Tha na trì puingean a' togail Chounty far bhonn an Championship is os cionn Queen's Park.
"Tha sinn air ar dòigh," thuirt manaidsear Chounty, Stuart Kettlewell.
"Geama teann ach tha mi a' smaointinn gun robh na cothroman as fheàrr againne. Rinn Uche fìor mhath is 's e tadhal air leth a bh' ann".
Chan eil geama idir aig County air an deireadh-sheachdain is Cupa na h-Alba ann, is an ath gheama aca a-nise seachdain Disathairne nuair a chluicheas iad Queen's Park a-rithist, an turas seo ann an Inbhir Pheofharain.
Buille do Hearts ann am Pàislig
Ach ged a bha deagh oidhche aig Ross County oidhche Mhàirt, bha briseadh-dùil ann dha Hearts sa Phrìomh Lìog is iadsan a' call 1-0 ri St Mirren.
Bha sgioba Dhùn Èideann air a dhol sìos gu deichnear sa chiad leth is Craig Halkett air a chur far na pàirce sa chiad leth, is St Mirren mu dheireadh thall a' glèidheadh trì puingean cudromach dhaibh fhèin le tadhal anns na mionaidean mu dheireadh bho Miguel Freckleton.
"Chan fhaca mi Hearts a' cluich cho truagh siud fad an t-seusain," thuirt eòlaiche a' bhuill-choise Ailig O'Henley air Aithris na Maidne.
"Sin an treas geama a tha iad air a chall air an t-seusan seo san lìog ach tha iad air tilleadh air ais gu làidir is feumaidh iad sin a dhèanamh.
"Mura dèan iad an aghaidh Hibs is gu seachd-àraid an uairsin a' dol gu Ibrox tha mi a' smaointinn gum faodadh sinn tòiseachadh a-rithist bruidhinn mu dheidhinn Rangers no Celtic a dhol thairis orra."
















