Co-chomhairleachadh Spiorad na Mara a' tighinn gu ceann

- Air fhoillseachadh
Tha an co-chomhairleachadh poblach mun obair air tìr a bhios a dhìth an cois tuath-gaoithe chonnspaidiche san amharc far chosta siar Leòdhais a' tighinn gu ceann Diciadain.
Tha a' chompanaidh Northland Power airson suas ri 60 crann-gaoithe cho àrd ri 300m a thogail mu 3 gu 8 cilemeatair far a' chladaich.
Chaidh tagradh cead-dealbhachaidh airson Spiorad na Mara, mar a th' aca air, a chur gu ministearan Albannach anns a' Mhàrt.
Chuir Comhairle nan Eilean Siar na aghaidh nam freagairt do cho-chomhairle Riaghaltas na h-Alba air planaichean Northland Power.
'S ann an urra ris a' Chomhairle ge-tà, a tha an an obair air tìr an cois a' phròiseict.
Tha fo-stèiseanan far an tigeadh càballan air tìr agus trainnse a' chàbaill a bhiodh a' giùlain dealain eadar Barabhas is Steòrnabhagh mar phàirt den iarrtas dealbhachaidh.
Moladh do Chomhairle nan Eilean Siar cur an aghaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh17 An t-Ògmhios
Spiorad na Mara: Iarrtas cead-dealbhachaidh 'son bun-structair air tìr
- Air fhoillseachadh10 An t-Ògmhios
Tha iomairt mhòr a' dol ann an Leòdhas an aghaidh nam planaichean aig Northland Power.
Tha dragh air a' bhuidhinn-strì Eilean mo Ghaoil mu mheud an leasachaidh agus mun bhuaidh a bheireadh e air an sgìre is air coltas an àite.
Tha iad a' brosnachadh dhaoine cur an aghaidh an iarrtais airson na h-obrach-tìre nam faigheadh Spiorad na Mara cead a dhol air adhart leis an tuath-ghaoithe.
Tha Peigi Ann Shields, bho Eileain mo Ghaoil, ag ràdh gu bheil i a' tuigsinn nach "eil a' choimhearnsachd ann am Barabhas ag iarraidh gun tachair seo, agus cuideachd taobh a-muigh Steòrnabhaigh".
"Ar beathannan an Leòdhas gu bhith gu math duilich"
Thuirt i: "Eadar an dà àite bidh làraidhean a' dol a h-uile là bho Dhiluain gu Disathairne bho ochd uairean sa mhadainn gu faisg air àm na teatha.
"Tha e a' dol tro tòrr mòr, mòr mòna agus an uair sin feumaidh iad a' mhòine sin a chur a dh'àiteigin. Agus a h-uile bud Co2 a tha e a' dol a chur a-mach dhan àrainneachd.
"Tha iad a' cantainn gu bheil am pròiseact seo math dhan àrainneachd ach chan eil sinn a' faicinn ciamar as urrainn sin a bhith," thuirt i.
Ma thèid cead a thoirt seachad, tha i den bheachd gu bheil "ar beathanan ann an Leòdhas gu bhith gu math, gu math duilich".
Beachdan làidir mu 'Spiorad na Mara'
- Air fhoillseachadh7 An Gearran 2025
Northland a' rannsachadh buaidh Spiorad na Mara
- Air fhoillseachadh13 An Cèitean 2025
Ann am brath, thuirt Northland Power gun dèan iad sgrùdadh mionaideach air gach beachd a gheibh iad.
"Cumaidh sinn oirnn ag obrachadh le na buidhnean uile a tha an sàs ann gus am bi tuigse nas fheàrr againn air na draghan a chaidh a thogail feuch a bheil dòigh ann fiosrachadh a bharrachd a thoirt seachad neo fuasglaidhean a chur air adhart," thuirt iad.
Tha iad ag ràdh gur e am fòcas aca fhathast pròiseact a thoirt gu buil a chuidicheas ann a bhith a' gearradh nan eimiseanan càrboin "as coireach gu ìre ri aon de na samhraidhean as teotha a-riamh san Rìoghachd Aonaichte".
Aig a' cheart àm, thuirt iad, tha iad airson 's gum faigh "Leòdhas agus an sgìre nas fharsainge buannachd às airson ùine mhòir".