Comhairlichean an aghaidh plana 'son loidhne-dealain mòr air Ghàidhealtachd

- Air fhoillseachadh
Chaidh fhàgail air SSEN Transmission nach eil "spèis sam bith aca" agus Comhairle na Gàidhealtachd air bhòtadh an aghaidh phlanaichean na companaidh airson loidhne-dealain 115 mìle a dh'fhaid eadar A' Mhanachainn is Ceann Phàdraig.
Ghabh buill Comataidh Dealbhachaidh a' Chinn a Deas gu h-aona ghuthach ri moladh oifigearan planaidh cur aghaidh nam planaichean.
Fo na planaichean, bhiodh 56 cilemeatair de loidhnichean-dealain a' ruith tron Ghàidhealtachd le crainn-dealain anns am biodh 58m a dh'àirde sa chumantas, a' cumail tacsa riutha.
Tha "tùr sònraichte" cuideachd an lùib nam planaichean. Bhiodh seo air làrach faisg air Slighe-Uisge a' Ghlinne Mhòir agus bhiodh 97m a dh'àirde ann.
Bhiodh na paidhleonan ùra rim faicinn bho Bhlàr Chùil Lodair.
Strì air fàire mu chrainn-dealain 'son cumhachd uaine
- Air fhoillseachadh31 An t-Iuchar 2023
SSEN "ag èisteachd ri draghan luchd-iomairt"
- Air fhoillseachadh4 An Giblean 2023
Plana SSEN: "Tha mi uabhasach fiadhaich mun a h-uile càil"
- Air fhoillseachadh24 An Giblean 2025
Tha am pròiseact mar phàirt den obair mhòr aig SSEN lìonra agus bun-structar an dealain ùrachadh an ceann a tuath na h-Alba airson na bhios air a chruthachadh de chumhachd ath-nuadhachail.
Tha bheag a' chonnspaid a dh'adhbharaich pròiseact na companaidh sna coimhearsnachdan timcheall air bun-structar agus na loidhnichean ùra a bhiodh ann.
Thuirt fear-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Loban, gun toir e "fìor dhroch bhuaidh air muinntir an àite agus an àrainneachd aca".
"Dhòmhsa dheth, thèid agam air smaoineachadh air co-dhiù 20 adhbhar gearain a chuirinn ris a' phaipear seo.
"Feumaidh an luchd-leasachaidh beachdachadh an ann mu dheidhinn an dòigh as saoire seo a lìbhrigeadh neo a bheil dòigh nas daoire ann a b' fheàrr leis a' chomataidh seo neo leis an riaghaltas."
Chaidh beachd iarraidh bho SSEN.