Inbhir Nis ceum nas fhaisge air tiotal Cathair-Bhaile a' Chultair

Ceathrar bhoireannach òg agus gille - aig cuirm a' comharrachadh gu bheil tagradh Inbhir Nis airson a dhol na Chathair-bhaile a' Chultair air a chur a-steach gu foirmeil.  Tha iad a' cumail sanasan le ainm an tagraidh, BEÒ, sgrìobhte air, agus tha coltas gu math toilichte orra uile.
Fo-thiotal an deilbh,

Clì gu deas: Sophie Boyne, Alice Prentice, Mìcheal Lewis, Lily Kelman agus Emma Racionzer

  • Air fhoillseachadh

Tha iomairt Inbhir Nis airson inbhe Chathair-Bhaile a' Chultair san Rìoghachd Aonaichte an 2029 fhaighinn air ceum air adhart a ghabhail.

Chaidh Beò! 2029, tagradh a tha a' toirt a-steach prìomh-bhaile na Gàidhealtachd agus na sgìre air fad, a chur a-steach gu foirmeil gu Roinn a' Chultair, nam Meadhanan agus na Spòrs Diluain.

'S e an aon tagradh an Alba agus a' chiad turas an eachraidh na co-fharpais a tha an dà chuid baile agus sgìre nas fharsainge a' feuchainn air an tiotal.

Chaidh daoine òga, eadar aois 14 agus 24, a thaghadh airson taic a chumail ris an tagradh.

Tha iad uile air cliù a chosnadh ann an diofar roinnean cultarail, sna h-ealain agus spòrs.

Thuirt Bryan Beattie, Stiùiriche Tagradh Beò! 2029: "Tha sinn ag amas air spiorad an dealais agus na misneachd aca a riochdachadh san tagradh a chuir sinn a-steach.

"'S e fear de na rudan as mìorbhailiche mu na beagan mhìosan a dh'fhalbh a bhith a' faighinn a-mach mu na h-uimhir de rudan sa bheil daoine, gu h-àraidh òigridh, an sàs air feadh na Gàidhealtachd - ann an ceòl, spòrs, Gàidhlig agus an àrainneachd."

Ochdnar nan seasamh - triùir fhireannach agus còignear bhoireannach - le sanasan air a bheil Beò! - tagradh Inbhir Nis airson a dhol an Chathair-bhaile a' Chultair
Fo-thiotal an deilbh,

Clì gu deas: Bryan Beattie, Sophie Boyne, Alice Prentice, Leah McBainm Mìcheal Lewis, Lily Kelman, Emma Racionzer agus Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban

Tha tagradh Beò! 2029 a' mìneachadh cho cudromach 's a tha cultar a thaobh a bhith a' cruthachadh choimhearsnachdan seasmhach sa bhaile, air an tuath agus anns na h-eileanan.

Thuirt Neach-gairm Comhairle na Gàidhealtachd, Bill Lobban: "Bhiodh inbhe Chathair-bhaile a' Chultair gar cuideachadh ann a bhith a' dèiligeadh ris na dùbhlain an cois teachd a-steach agus iomallachd, agus dhèanadh e cinnteach gum faigheadh a h-uile duine san sgìre buannachd à in-ionmhas chultarail."

Bidh tagradh Inbhir Nis-Gàidhealtachd a' farpais ri Blackpool, Ipswich, Middlesbrough, Milton Keynes, Portsmouth, Sheffield, Swindon agus Wrexham airson an tiotail.

Thèid gearr-liosta air am bi suas ri ceithir bailtean ainmeachadh san Dàmhair.