Ionad-bheat an Tiriodh am measg na fhuair taic bho mhaoin do dh'eileanan

Laogh donn na shuidhe air feur le balla cloiche air a chùlaibhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Fhuair pròiseact airson ionad-bheataireachd coimhearsnachd a stèidheachadh ann an dachaigh mhaireannaich an Tiriodh air taic-airgid £302,000 fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha an taic na pàirt de mhaoin £3m a dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear Iain Swinney do phròiseactan eileanach agus e a' tadhal air Griomasaigh Dimàirt.

Thèid ionad-bheataireachd ùr a thogail air làrach seann chafaidh a' Chobbled Cow aig margaidh sprèidh Thiriodh fo stiùir Urras Thiriodh.

Bidh sin an uair sin na dachaigh mhaireann do dh'Animal Care Tiree, a' chiad ionad-bheataireachd anns an Rìoghachd Aonaichte a tha leis a' choimhearsnachd a tha a' frithealadh gach cuid air Tiriodh agus Colla.

"Tha sinn air ar dòigh glan," thuirt Cathraiche Animal Care Tiree, Rhoda Meek.

"Chan ann a-mhàin mu dheidhinn daoine is bheathaichean a tha cùram bheataireachd ann an Tiriodh a dhèanamh seasmhach san àm ri teachd - 's ann mu thogalaichean a tha e cuideachd.

"Tha ionad maireannach a tha iomchaidh airson a chleachdaidh riatanach do chroitearachd san eilean san àm ri teachd.

"Tha cùram bheataireachd earbsach a' toirt buaidh mhòir air glèidheadh agus fàs an t-sluaigh."

Togalach glas air feur uaine, agus soidhne air le Tiree Rural Centre sgrìobhte air.
Fo-thiotal an deilbh,

Thèid ionad-bheataireachd ùr a thogail air làrach seann chafaidh a' Chobbled Cow

Chaidh Animal Care Tiree a chur air bhonn nuair a dhùin ionad-bheataireachd an eilein agus a' bheat a bh' ann air an dreuchd a chur bhuapa an-uiridh.

Bha dragh ann gun deadh an t-eilean agus Colla fhàgail às aonais seirbheis bheataireachd stèidhichte.

Bho dh'fhosgail an t-ionad ann an dachaigh shealadaich sa Ghearran am-bliadhna tha iad air dèiligeadh ri cha mhòr 800 cùis, le prìomh sgioba de chòignear bheataichean a tha gan cuairteachadh.

"Tha a' chiad sia mìosan air a dhol nas fheàrr na bha dùil aig duine againn, agus tha sinn air bhioran a' coimhead ris na tha air thoiseach," thuirt Rhoda Meek.

"Tha sinn air leth taingeil do Riaghaltas na h-Alba, do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid airson ar cur air aghaidh, agus don a h-uile duine sa choimhearsnachd a th' air taic a thoirt don ionad bho thoiseach gnothaich."