Deireadh linn do dhithis de sheòid Camanachd Leòdhais

Dealbh a' sealltainn ball-iomain Camanachd Leòdhais na laighe air a' phàirc. Tha samhla Camanachd Leòdhais ri fhaicinn ann an gorm, dubh is buidhe agus am balla fhèin geal.
LeMarie Duke
Neach-naidheachd DidsiteachAg aithris àEilean Leòdhais
  • Air fhoillseachadh

Cha b' ann an-diugh no an-dè a bha dithis nan suidhe aig a' bhòrd sa chidsin agam fhèin agus iad a' feitheamh air dearbhadh am biodh cead aig Camanachd Leòdhais cluich ann an lìogaichean na h-iomain.

Tha Dòmhnall MacLaomainn agus Pòl Diùc air a bhith an lùib Camanachd Leòdhais bhon chiad dol a-mach.

Bha eòlas aig an dithis aca a bhiodh air leth feumail don sgioba anns na làithean tràth sin ann an 2011 - Dòmhnall a bha air a bhith a' cluich le Oilthigh Obair Dheathain agus Pòl à Baile Ùr an t-Sleibh (cha mhòr nach do rugadh e le caman na làimh).

Nise, bu chòir dhomh a ràdh, tha mi fhèin gu math eòlach air an dithis aca - 's e deagh charaid agus co-obraiche a th' ann an Dòmhnall agus tha mi pòsta aig Pòl!

Eòlas gu leòr agam ma-thà air an dithis, air Camanachd Leòdhais, is air feasgar Disathairne a chur seachad a' coimhead iomain.

Ach, an dèidh còig bliadhna deug, tha Dòmhnall is Pòl air an geama mu dheireadh aca a chluich do Chamanachd Leòdhais agus iad a' cur sìos an camain agus a' crochadh nan clogaidean airson an trup mu dheireadh.

Thug iad an gnothach gu ceann ann an dòigh cho freagarrach 's a ghabhas is an dithis air an targaid is na Leòdhasaich a' soirbheachadh 4-0 an aghaidh Both Fhleisginn ann an Siabost Disathairne.

Dealbh de thriùir fhireannaich a' cluich iomain air pàirce Shiaboist.
Fo-thiotal an deilbh,

B' e seo a' chiad gheama a chaidh a chluich san lìog aig pàirc Shiaboist an aghaidh Loch Bhraoin ann an 2011

Tha sin a' fàgail gu bheil an dithis air 143 tadhal fhaighinn dhan chluba uile gu lèir le Pòl air 223 geama a chluich agus Dòmhnall air 218.

Chan eil teagamh nach eil Dòmhnall agus Pòl air a bhith nam pàirt mhòr den sgioba ach a thuilleadh air a sin, tha Camanachd Leòdhais air a bhith gu mòr mar phàirt de bheatha nam fear agus an cuid teaghlaichean.

Bha Seumas, balach Phòl, aig a' chiad gheama a chaidh a chluich san lìog ann an Siabost aig 10 làithean a dh' aois agus tha na teaghlaichean aca gu lèir a' cumail taic ris an sgioba ann an Siabost aig gach geama.

Chunnaic sinn Camanachd Leòdhais a' dèanamh adhartais mhòir thar nam bliadhnaichean - bho sgioba a bha a' strì gus daoine a lorg gus gu leòr chluicheadairean a bhith aca, agus iad a-nis le sgioba làidir de dh'inbhich, sguad de dh'òigridh a' trèanadh gach seachdain, agus iad cuideachd a' tòiseachadh air sgioba nam ban.

Tha cuid de dh'òigridh air an cothrom fhaighinn cluich mar phàirt de sgioba nan inbheach agus iad air an leasachadh bho aois-sgoile.

Tha an sgioba air èirigh bho bhith a' strì aig bonn na lìge gu bhith a' farpais airson a buannachadh.

Ged nach do rinn iad a' chùis air an tiotal fhathast, bha iad san dàrna àite dà thuras 's iad làn dòchais gun tig an là nuair a thèid iad suas gu Lìog Tuath 1.

Dealbh de Dhòmhnaill MacLaoimainn agus Pòl Diùc mus deach iad air a' phàirc Disathairne gus an geama mu dheireadh aca a chluich do Chamanachd Leòdhais. Tha an dithis aca le striop Camanachd Leòdhais orra ann an dubh is gorm agus camain aca nan làimh.
Fo-thiotal an deilbh,

Bha an dithis aca deiseal is deònach gus cluich Disathairne

Ged nach bi Pòl is Dòmhnall air a' phàirc nuair a thig an là sin, tha iad gu math misneachail mu shuidheachadh a' chluba a' dol air adhart is na bunaitean làidir a tha a-nise ann an àite.

Tha a' mhisneachd stèidhichte air an oidhirp sgioba is coimhearsnachd a thug an cluba chun na h-ìre seo, rud a tha iad ag ràdh a th' aig cridhe Camanachd Leòdhais.

"'S e beachd-smuain craicte a bh' ann an Camanachd Leòdhais," thuirt Dòmhnall.

"Sa chiad dol a-mach, feumaidh iad a bhith cinnteach gu bheil 12 air a' phàirc gach Disathairne. Thig a h-uile càil bhon bhun-stèidhidh a tha sin.

"'S e sin cnàimh-droma a' chluba agus 's e sin a dh' fheumas iad a bhith dèanamh agus tha mi an dòchas agus làn dùil gun cùm iad a' dèanamh sin.

"Tha sinn fortanach gu bheil gu leòr a' tighinn troimhe is sin as coireach gu bheil e cudromach gum bi bodaich mar mi fhin is Pòl a' seasamh air ais.

"'S e sin a tha cudromach, 's e an cluba a tha cudromach is chan e sinne".

Is tha beagan comhairle aig na bodaich dhan fheadhainn òga.

"Tha mi an dòchas gum bi e a' còrdadh riutha," thuirt Pòl.

"'S e cluba gu math sònraichte a th' ann. Tha na balaich a' sabaid airson a h-uile ball agus tha iad a' siubhal gach seachdain.

"'S e teaghlach gu math mòr a th' anns an sgioba a tha seo."

Teaghlach, tha fhios, a bheir Camanachd Leòdhais air adhart anns na bliadhnaichean ri tighinn.

Duilleagan eadar-lìn co-cheangailte